Air fhoillseachadh Leave a comment

Na Duaisean Litreachais 2024: Geàrr-liostaichean

Na Duaisean Litreachais 2024: Geàrr-liostaichean

Air fhoillseachadh: 20 Lùnastal 2024 ann an Naidheachdan

Tha Comhairle nan Leabhraichean air geàrr-liostaichean nan Duaisean Litreachais 2024 fhoillseachadh. Tha duaisean rim buileachadh ann an sia roinnean airson leabhraichean a chaidh fhoillseachadh eadar 1 Cèitean 2023 agus 30 Giblean 2024, agus làmh-sgrìobhainnean nach eil fhathast ann an clò.

Leabhar as Fheàrr do Chloinn/Òigridh
Gach Seòrsa Caraid – Sophy Henn, eadar-theangaichte le Doileag NicLeòid (Acair)
Na Còig Mathain – Catherine Rayner, eadar-theangaichte le Alasdair Caimbeul (Acair)
Paddington – Michael Bond, eadar-theangaichte le Gillebrìde Mac ’IlleMhaoil (Belle Media)
Tìgear an Iomagain – Alexandra Page & Stef Murphy, eadar-theangaichte le Mòrag Stiùbhart (Acair)

Bàrdachd: Duais Ruaraidh MhicThòmais
Càirdeas ’s Comain ’s Eòlas – Deborah Moffatt (CLÀR)
Non dimenticare gli angeli – Crìsdean MacIlleBhàin (Vita Activa Nuova)
Sa Chnoc – Rody Gorman (CLÀR)
Sweeney: An intertonguing – Rody Gorman (Francis Boutle Publishers)

Ficsean: Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn
An Caisteal fon Mhuir – Jason Bond (Arcos Publishers)
Far na Slighe – Shelagh Chaimbeul (Luath Press)

Neo-fhicsean: Duais Dhòmhnaill Meek
Somhairle MacGill-Eain: Na Bhriathran Fhèin – deas. Màiri Sìne Chaimbeul, Jo NicDhòmhnaill & Iseabail NicGill-Eain (Acair)
Women of the Hebrides / Ban-eileanaich Innse Gall – Joni Buchanan (Acair)

Làmh-sgrìobhainn as Fheàrr do Chloinn/Òigridh (le taic bho Acair)
Casan Dhonaidh – Gwen Bowie
Doli ann an Dùn Èideann – Marcas Mac an Tuairneir
Oilidh anns an Òban – Marcas Mac an Tuairneir

Làmh-sgrìobhainn as Fheàrr do dh’Inbhich
Am Prionnsa – Graham Cooper
An Taobh Dorcha – Seonaidh Charity
Dàn nam Ban – Ceitidh Chaimbeul
Osnaich san Fhàsaich – Cairistìona Stone

Thèid an luchd-buannachaidh ainmeachadh aig cuirm shònraichte air Dimàirt 17 Sultain 2024, aig Cottiers Theatre, Glaschu.

 

Air fhoillseachadh Leave a comment

Na Duaisean Litreachais 2024 – Fosgailte do thagraidhean

Na Duaisean Litreachais 2024 – Fosgailte do thagraidhean

Air fhoillseachadh: 1 Màrt 2024 ann an Naidheachdan

Tha Na Duaisean Litreachais 2024 a-nis fosgailte airson thagraidhean bho sgrìobhadairean agus foillsichearan Gàidhlig. Bidh duaisean luach £1,000 dhan ùghdar is £500 dhan fhoillsichear rim faighinn airson leabhraichean a chaidh fhoillseachadh eadar 1 Cèitean 2023 agus 30 Giblean 2024 anns gach roinn a leanas:

  • Bàrdachd – Duais Ruaraidh MhicThòmais
  • Ficsean – Duais Chomann Ghàidhealach Lunnainn
  • Neo-fhicsean – Duais Dhòmhnaill Meek
  • Clann/òigridh

A bharrachd air leabhraichean a tha ann an clò mar-thà, tha cothrom aig sgrìobhadairean làmh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte do chloinn is do dh’inbhich a chur a-steach dhan fharpais, le duaisean luach eadar £500-£1,000 ri fhaotainn. A thuilleadh air an duais, bidh cothrom aig ùghdar na làmh-sgrìobhainn as fheàrr do chloinn an leabhar aca a leasachadh ann an co-bhann leis an fhoillsichear Acair.

Is e 30 Giblean 2024 an ceann-latha airson thagraidhean. Gheibhear fios mu ciamar a chuirear a-steach agus riaghailtean na farpaise an seo. Thèid an luchd-buannachaidh ainmeachadh aig cuirm ann an Cottiers Theatre, Glaschu air 17 Sultain 2024.

Air fhoillseachadh Leave a comment

Na Duaisean Litreachais 2023: Geàrr-liostaichean

Na Duaisean Litreachais 2023: Geàrr-liostaichean

Air fhoillseachadh: 22 Lùnastal 2023 ann an Naidheachdan

Tha Comhairle nan Leabhraichean air na geàrr-liostaichean ainmeachadh airson Nan Duaisean Litreachais 2023. Tha duaisean rim faighinn ann an ceithir roinntean airson leabhraichean a chaidh fhoillseachadh eadar 1 Cèitean 2022 agus 30 Giblean 2023, agus dà dhuais eile ann airson làmh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte as fheàrr.

Leabhar as Fheàrr do Chloinn/Òigridh 
An Gille, am Famh, an Sionnach ’s an t-Each: An Sgeulachd Bheò-dheilbhte – Teàrlach Mackesy, eadar-theangachadh le Johan Nic a’ Ghobhainn (Luath Press)
Cath Gun Chrìch – Raghnaid Sandilands, dealbhan le Gary Dewar (Dreathan-donn)
Donaidh Dathach – Gwen Bowie (Spòrs)
Na Stocan agus na Stùcan – Julia Donaldson, eadar-theangachadh le Mòrag Stiùbhart, dealbhan le Axel Scheffler (Acair)

Duais Ruaraidh MhicThòmais airson Leabhar Bàrdachd (le taic bho Leabharlann Bàrdachd na h-Alba)
Doras gun Chlàimhean – deasaichte le Catrìona Mhoireach (Acair)
Fuaimean Gràidh / The Sounds of Love – Niall O’Gallagher (Francis Boutle Publishers)
Lorg Eile / Final Call – Rody Gorman (Francis Boutle Publishers)
Polaris – Marcas Mac an Tuairneir (Leamington Books)

Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn airson Leabhar Ficsein
Crann-fìge / Fig Tree – Donnchadh MacGillÌosa (Acair)
Fir an Diùraidh – Alistair Paul (Luath Press)
Tàcharan Mhealbhaigh – Ruairidh MacIlleathain (CLÀR)

Duais Dhòmhnaill Meek airson Leabhar Neo-fhicsein
Bho Bheul an Eòin / From the Bird’s Mouth –  Ruairidh MacDhonnchaidh (Woodlands Studios)
Cha Till MiseRuaraidh G. MacIlleathain (Acair)
Gun Sireadh, Gun Iarraidh: The Tolmie Collection – deasaichte le Kenna Chaimbeul & Ainsley Hamill (Acair)
Na Sgeulachdan Gàidhlig: Iain Mac a’ Ghobhainn – deasaichte le Iain MacDhòmhnaill & Moray Watson (Scottish Gaelic Texts Society)

Làmh-sgrìobhainn Neo-fhoillsichte as Fheàrr do Chloinn/Òigridh (le taic bho Acair)
Do mo nighean – Alasdair MacEòsaiph
Doris aig an Doras agus Sgeulachdan Eile – Shelagh Chaimbeul
Seasaidh Sìthiche agus am Fùlo – Victoria NicÌomhair

Làmh-sgrìobhainn Neo-fhoillsichte as Fheàrr do dh’Inbhich
Aisling an Itealaich: Rann is Rabhd – Alistair Paul
CEUM – Iain D. Urchardan
Nam Li Po – Rody Gorman

Thèid an luchd-buannachaidh ainmeachadh Diardaoin 14 Sultain 2023. Thigibh còmhla rinn gu Cottiers Theatre ann an Glaschu air oidhche nan Duaisean. Gheibhear tiogaidean an seo.
Air fhoillseachadh Leave a comment

Na Duaisean Litreachais 2023 – Fosgailte do thagraidhean

Na Duaisean Litreachais 2023 – Fosgailte do thagraidhean

Air fhoillseachadh: 2 Màrt 2023 ann an Naidheachdan

The Gaelic Literature Awards 2023 logo

Tha Na Duaisean Litreachais 2023 a-nis fosgailte airson thagraidhean bho sgrìobhadairean agus foillsichearan Gàidhlig. Bidh duaisean luach £1,000 dhan ùghdar is £500 dhan fhoillsichear rim faighinn airson leabhraichean a chaidh fhoillseachadh eadar 1 Cèitean 2022 agus 30 Giblean 2023 anns gach roinn a leanas:

    • Bàrdachd – Duais Ruaraidh MhicThòmais, le taic bho Leabharlann Bàrdachd na h-Alba
    • Ficsean – Duais Chomann Ghàidhealach Lunnainn
    • Neo-fhicsean – Duais Dhòmhnaill Meek
    • Clann/òigridhBàrdachd – Duais Ruaraidh MhicThòmais, le taic bho Leabharlann Bàrdachd na h-Alba

A bharrachd air leabhraichean a tha ann an clò mar-thà, tha cothrom aig sgrìobhadairean làmh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte do chloinn is do dh’inbhich a chur a-steach dhan fharpais, le duaisean luach eadar £500-£1,000 ri fhaotainn. A thuilleadh air an duais, bidh cothrom aig ùghdar na làmh-sgrìobhainn as fheàrr do chloinn an leabhar aca a leasachadh ann an co-bhann leis an fhoillsichear Acair.

Is e 30 Giblean 2023 an ceann-latha airson thagraidhean. Gheibhear fios mu ciamar a chuirear a-steach agus riaghailtean na farpaise an seo. Thèid an luchd-buannachaidh ainmeachadh aig cuirm ann an Cottiers Theatre, Glaschu air 14 Sultain 2023.

 

Air fhoillseachadh Leave a comment

Na Duaisean Litreachais 2022: Geàrr-liostaichean

NDL22 logo

Na Duaisean Litreachais 2022: Geàrr-liostaichean

Air fhoillseachadh: 18 Lùnastal 2022 ann an Naidheachdan

NDL22 logo

Tha sinn air na geàrr-liostaichean ainmeachadh airson Nan Duaisean Litreachais 2022. Tha duaisean rim faighinn ann an ceithir roinntean airson leabhraichean a chaidh fhoillseachadh eadar 1 Cèitean 2021 agus 30 Giblean 2022.

Leabhar as Fheàrr do Chloinn/Òigridh 
Blàr Mòr na Fighe – Marie C. NicAmhlaigh, dealbhan le Robin Bans (Acair)
Caiptean Cora – Lana Pheutan, dealbhan le Alice NicBhatair (Theatre Gu Leòr)
Dubh às – Sylvia Hehir, eadar-theangaichte le Johan Nic a’ Ghobhainn (Garmoran Publishing)
Mòr-thubaist aig na Geamannan Gàidhealach – Riel Nason, eadar-theangaichte le Mòrag Anna NicNèill, dealbhan le Nathasha Pilotte (Bradan Press)

Duais Ruaraidh MhicThòmais airson Leabhar Bàrdachd (le taic bho Leabharlann Bàrdachd na h-Alba)
An Seachdamh Tonn / The Seventh Wave – Sandaidh NicDhòmhnaill Jones (Acair)
Dùileach / Elemental – Marcas Mac an Tuairneir (Evertype)
Eadar Ceòl is Coròna: Bàrdachd is òrain – Dòmhnall Eachann Meek (CLÀR)
Fear de Mhuinntir Sholais / A Sollas Man – Fred MacAmhlaigh (Acair)

Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn airson Leabhar Ficsein
Às a’ Chamhanaich – Aonghas MacLeòid (Bradan Press)
Constabal Murdo 2: Murdo ann am Marseille – Aonghas Pàdraig Caimbeul (Luath Press)
Dòrlach Sìl: Sgeulachdan Sean agus Ùr – Maoilios Caimbeul (Luath Press)
Linne Dhomhain – Alistair Paul (Luath Press)

Duais Dhòmhnaill Meek airson Leabhar Neo-fhicsein
Ainmean Tuineachaidh Leòdhais / The Settlement Names of Lewis – Richard A.V. Cox (Clann Tuirc)
Maim-slè – Alasdair C. MacIlleBhàin (Theatre Gu Leòr)
Rotal: Iasgairean Leòdhais ’s Na Hearadh – Magaidh Nic a’ Ghobhainn (Heather Isle Publishing)

Tha dà dhuais eile ann airson làmh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte.

Làmh-sgrìobhainn Neo-fhoillsichte as Fheàrr do Chloinn/Òigridh (le taic bho Acair)
An Cat Coigreach – June C. Ghreumach
Càirdeas Àraidh– Alasdair MacEòsaiph
Sguir a Chomhartaich – June C. Ghreumach
Taigh a’ Phuimcein: Dàn do dh’Oidhche Shamhna – Alistair Paul

Làmh-sgrìobhainn Neo-fhoillsichte as Fheàrr do dh’Inbhich
Am Measg Luaithrean Beò – Robbie MacLeòid
Ceum – Iain D. Urchardan
Daol am Shùil – Calum MacFhionghain
Iomall: Cruinneachadh de Sgeulachdan Ficsean Saidheansail – Alistair Paul

Thèid an luchd-buannachaidh ainmeachadh Diardaoin 15 Sultain 2022. Nach tig thu còmhla rinn gu Cottiers Theatre ann an Glaschu air an oidhche sin? Gheibhear tiogaidean an seo.

Air fhoillseachadh Leave a comment

Angus Moireasdan

Angus Moireasdan

Air fhoillseachadh: 7 Iuchar 2026 ann an Naidheachdan

Tha muinntir Comhairle nan Leabhraichean a’ caoidh Angus Mhoireasdain, manaidsear Acair, agus a’ cuimhneachadh le spèis air duine còir a tha a’ fàgail dìleab phrìseil do litreachas na Gàidhlig tro na foillseachaidhean aige.

Aig an àm dhuilich seo tha ar smuaintean le teaghlach Angus agus le a cho-obraichean aig Acair.

The Gaelic Books Council team is mourning the passing of Angus Morrison, the manager of Acair, and remembering with fondness a kindly man who leaves a valuable legacy to Gaelic literature through his publications.

At this difficult time our thoughts are with Angus’s family and his Acair colleagues.

Air fhoillseachadh Leave a comment

Cùrsa Gràmair agus Cleachdadh Cànain (Steòrnabhagh)

Cùrsa Gràmair agus Cleachdadh Cànain (Steòrnabhagh)

Air fhoillseachadh: 12 Ògmhios 2026 ann an Naidheachdan

Diciadain 26 gu Dihaoine 28 Lùnastal, Steòrnabhagh

Taigh Coinneimh, 19 Sràid na h-Eaglaise, Steòrnabhagh, HS1 2DH
Cùrsa trì latha: 9.30m–4:30
Còmhla ri Michel Byrne

Ceann latha airson àite a ghleidheadh: 7 Lùnastal, 2026.

CÒ DHA?

’S ann do dh’inbhich aig a bheil eòlas air Gàidhlig sgrìobhte agus gràmar a tha an cùrsa – feadhainn a tha aig ìre B2 no nas àirde a rèir Ìrean Cànain Coitcheann na h-Eòrpa, agus a tha air rudeigin a sgrìobhadh mar-thà, neo a tha an sàs anns na meadhanan neo foghlam. Thèid an cùrsa a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

COSGAIS?

Cuiribh fios gu [email protected]

CIA MHEUD ÀITE?

Mar as trice gheibh suas ri deichnear (10) cothrom a dhol air a’ chùrsa seo.

CÒ NÌ OIDEACHAS?

Michel Byrne (eòlaiche-cànain) a th’ air a bhith a’ teagasg grunn bhliadhnachan, agus a tha air leabhraichean gràmair a sgrìobhadh. Tha e ag obair aig Oilthigh Ghlaschu.

BUANNACHD?

Fhreagradh seo ort ma tha ceistean agad a thaobh sgrìobhadh ann an Gàidhlig. Bheir an cùrsa seachad taic fheumail airson sgilean gràmair agus cleachdadh cànain a leasachadh.

CIAMAR A GHEIBH MI COTHROM?

Airson tuilleadh fiosrachaidh neo airson iarrtas a chur a-steach, cuiribh fios gu [email protected] 

’S e an 7mh dhen Lùnastail an latha mu dheireadh airson àite a ghleidheadh air a’ chùrsa.

GEÀRR-AITHRIS ANN AM BEURLA

Intermediate-advanced level Gaelic writing skills course aimed at Gaelic authors and those using written Gaelic in the media and education. The medium of instruction is Gaelic: this is a course for fluent speakers. The tutor is Michel Byrne. Limited places. Three-day course – 9:30am-4:30pm.

Organised by the Gaelic Books Council.

Air fhoillseachadh Leave a comment

Cùrsa Gràmair agus Cleachdadh Cànain (Glaschu)

Cùrsa Gràmair agus Cleachdadh Cànain (Glaschu)

Air fhoillseachadh: 12 Ògmhios 2026 ann an Naidheachdan

Dimàirt 28 gu Diardaoin 30 Iuchar, Glaschu

Seòmar Collinson aig Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd, 30-34 Sràid McPhater, Glaschu, G4 0HW
Cùrsa trì latha: 9.30m–4.30f
Còmhla ri Michel Byrne

Ceann latha airson àite a ghleidheadh: 10 Iuchar, 2026.

CÒ DHA?

’S ann do dh’inbhich aig a bheil eòlas air Gàidhlig sgrìobhte agus gràmar a tha an cùrsa – feadhainn a tha aig ìre B2 no nas àirde a rèir Ìrean Cànain Coitcheann na h-Eòrpa, agus a tha air rudeigin a sgrìobhadh mar-thà, neo a tha an sàs anns na meadhanan neo foghlam. Thèid an cùrsa a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

COSGAIS?

Cuiribh fios gu [email protected]

CIA MHEUD ÀITE?

Mar as trice gheibh suas ri deichnear (10) cothrom a dhol air a’ chùrsa seo.

CÒ NÌ OIDEACHAS?

Michel Byrne (eòlaiche-cànain) a th’ air a bhith a’ teagasg grunn bhliadhnachan, agus a tha air leabhraichean gràmair a sgrìobhadh. Tha e ag obair aig Oilthigh Ghlaschu.

BUANNACHD?

Fhreagradh seo ort ma tha ceistean agad a thaobh sgrìobhadh ann an Gàidhlig. Bheir an cùrsa seachad taic fheumail airson sgilean gràmair agus cleachdadh cànain a leasachadh.

CIAMAR A GHEIBH MI COTHROM?

Airson tuilleadh fiosrachaidh neo airson iarrtas a chur a-steach, cuiribh fios gu [email protected]

’S e an 10mh dhen Iuchair an latha mu dheireadh airson àite a ghleidheadh air a’ chùrsa.

GEÀRR-AITHRIS ANN AM BEURLA

Intermediate-advanced level Gaelic writing skills course aimed at Gaelic authors and those using written Gaelic in the media and education. The medium of instruction is Gaelic: this is a course for fluent speakers. The tutor is Michel Byrne. Limited places. Three-day course – 9:30am-4:30pm.

Organised by the Gaelic Books Council.

Air fhoillseachadh Leave a comment

Tagraidhean Fosgailte – Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2027

Tagraidhean Fosgailte – Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2027

Air fhoillseachadh: 22 Cèitean 2026 ann an Naidheachdan

Tha Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2027 a-nis fosgailte do thagraidhean.

Ceann-latha: 12f, Diciadain 29 Iuchair 2026. 

Tha e an-asgaidh cur a-steach airson nan duaisean agus gheibhte cosgaisean siubhail gu lèir air ais. Thèid an luchd-buannachaidh a thaghadh le pannal de bhritheamhan. Is mathaid gum faodadh taic a bharrachd a bhith ann do luchd-buannachaidh air a bheil bacaidhean a thaobh a bhith a’ gabhail pàirt. Tha am prògram sùbailte agus bidh sinn ag obair gu dlùth leis an luchd-buannachaidh gus am faigh iad taic iomchaidh.

Bidh na Duaisean a’ ruith eadar Am Faoilleach 2027 agus Am Faoilleach 2028. Rè a’ phrògraim gheibh an luchd-buannachaidh:

  • duais luach £2,500, gus am faigh iad cothrom aire a chumail air an obair (thèid am bursaraidh a phàigheadh ann an dà chuibhreann)
  • cothroman leasachaidh pearsanta, air an sònrachadh airson gach neach, mar mheantaireachd bho sgrìobhadairean no proifeiseantaich sa ghnìomhachas
  • trèanadh ann am PR agus a bhith a’ taisbeanadh an cuid obrach
  • cothrom an obair aca a thaisbeanadh do dh’fhoillsichearan agus luchd-riochdachaidh
  • seachdain aig ionad-sgrìobhaidh, far am faigh iad ùine, farsaingeachd agus saorsa airson obair ùr a chruthachadh ann an àrainneachd àlainn (a rèir na tha ceadaichte san t-suidheachadh).
  • àite an-asgaidh air cùrsa 3-latha airson sgilean deasachaidh Gàidhlig
  • ballrachd an-asgaidh fad bliadhna aig Comann nan Sgrìobhadairean agus seisean trèanaidh leis a’ chomann

Gabhaidh am meantaireachd, trèanadh agus taisbeanaidhean air fad a dhèanamh aig astar ma tha feum air an roghainn seo. Tha sinn toilichte bruidhinn ri daoine fa-leth mu na feumalachdan aca air goireasan sònraichte mus cuir iad tagradh a-steach.

Tha dà dhuais ann airson sgrìobhadairean Gàidhlig, gan ruith mar cho-bhanntachd eadar Urras Leabhraichean na h-Alba agus Comhairle nan Leabhraichean.

Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho luchd-cùraim, feadhainn a tha gun obair no feadhainn nach eil ag obair air adhbharan slàinte.

Lorgar fiosrachadh air ciamar a chuirear a-steach tagradh air làrach-lìn Comhairle nan Leabhraichean an seo.

Ceistean sam bith? Cuiribh post-d gu [email protected].

Air fhoillseachadh Leave a comment

Rannan Chloinne

Rannan Chloinne

Air fhoillseachadh: 3 Màrt 2026 ann an Naidheachdan

Nuair a bha Comhairle nan Leabhraichean agus Leabharlann na Bàrdachd a’ lorg pròiseact a dhèanadh iad còmhla ann an 2025-26, bha e follaiseach gum bu chòir dhuinn prìomhachas a thoirt do dhàin ùra do chloinn. Seo gnè-litreachais far a bheil cruaidh-fheum air leasachadh, agus tha sinn an dòchas gum bi na dàin ùra a chaidh a sgrìobhadh airson Rannan Chloinne a’ toirt tlachd do na leughadairean òga agus brosnachadh do na bàird fhèin, agus gum faic sinn barrachd sna bliadhnaichean a tha romhainn mar thoradh air an iomairt seo. Gheibhear measgachadh de chuspairean agus faireachdainnean am measg nan rannan seo – rudan aotrom, rudan nas truime, rudan a bheir togail don spiorad agus rudan a dhùisgeas smuain, agus a h-uile rud sin ann an Gàidhlig ghrinn. Tha sinn fada an comain Phàdraig MhicAoidh, Makar na h-Alba, airson a chomhairle agus obair mar neach-deasachaidh.

Seo agaibh na dàin a tha mar thoradh air a’ phròiseact:

An Fhallaid, le Meg Bateman
An Taghan ‘s an Geamair, le Aonghas MacLeòid
Aoibheag ò an iomain, le Eòghann Stiùbhart
Bualadh Boise, le Niall O’Gallagher
Cha Toigh Leamsa Sgrìobhadh, le Màrtainn Mac an t-Saoir
Lilidh, le Anna Frater
Meaban, le Iain MacRàth
Na Raiders, le Robbie Anndra MacLeòid
Nuair a thàinig a’ Phiseag, le Joan Nicdhòmhnaill
Preasa Mo Sheanar, le Mòrag Anna NicNèill
Rannan-Chloinne, le Rody Gorman
Rudan fiadhaich, le Beth Frieden
Sleepover na h-Alba, le Marcas Mac an Tuairneir

Tadhailaibh air làrach-lìn Leabharlann na Bàrdachd airson tuilleadh fiosrachaidh mu Rannan Chloinne.

Air fhoillseachadh Leave a comment

Na Duaisean Litreachais 2026 – Fosgailte do thagraidhean

Na Duaisean Litreachais 2026 – Fosgailte do thagraidhean

Air fhoillseachadh: 2 Màrt 2026 ann an Naidheachdan

Tha Comhairle nan Leabhraichean air ainmeachadh gu bheil Na Duaisean Litreachais 2026 fosgailte airson thagraidhean bho sgrìobhadairean agus foillsichearan Gàidhlig. Bidh duaisean luach £750 dhan ùghdar is £750 dhan fhoillsichear rim faighinn airson leabhraichean a chaidh fhoillseachadh eadar 1 Cèitean 2025 agus 30 Giblean 2026 ann an diofar gnèithean litreachais:

  • Bàrdachd – Duais Ruaraidh MhicThòmais
  • Ficsean – Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn
  • Neo-fhicsean – Duais Dhòmhnaill Meek
  • Clann aois 0-7
  • Clann aois 8+

Am-bliadhna bidh dà fharpais fa-leth ann airson leabhraichean cloinne, a’ dèanamh sgaradh eadar leabhraichean do phàistean aois 0-7, agus clann aois 8 is nas sinne. Aig Duaisean roimhe cha robh ann ach aona dhuais airson nan leabhraichean cloinne agus òigridh air fad.

A bharrachd air leabhraichean a tha ann an clò mar-thà, faodaidh sgrìobhadairean làmh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte do chloinn is do dh’inbhich a chur a-steach dhan fharpais, le duaisean eadar £500 agus £1,000 dhan luchd-buannachaidh. A thuilleadh air an duais, bidh cothrom aig ùghdar na làmh-sgrìobhainn as fheàrr do chloinn an leabhar aca a leasachadh ann an co-bhann leis an fhoillsichear Acair.

Is e  5.00f, Dihaoine 01 Cèitean 2026 an ceann-latha airson thagraidhean. Gheibhear fios mu ciamar a chuirear a-steach agus riaghailtean na farpaise an seo. Thèid an luchd-buannachaidh ainmeachadh aig cuirm ann an Cottiers Theatre, Glaschu air Dimàirt 15 Sultain 2026.

Air fhoillseachadh Leave a comment

Faclan gan trusadh airson Bàrd a’ Chomuinn

Faclan gan trusadh airson Bàrd a’ Chomuinn

Air fhoillseachadh: 23 Gearran 2026 ann an Naidheachdan

©An Comunn Gàidhealach

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ faighneachd air daoine na faclan Gàidhlig neo-àbhaisteach aca a chur thuca.

Air Seachdain na Gàidhlig bidh Comhairle nan Leabhraichean a’ trusadh faclan Gàidhlig bhon phobaill nach eileas a cleachdadh gu làitheil tuilleadh airson pròiseact còmhla ri Anna Frater, Bàrd a’ Chomuinn. Bidh Anna Frater a’ cleachdadh nam faclan neo-chumanta seo airson dàn ùr a sgrìobhadh, airson ’s gun tèid brìgh is ciall nam faclan a ghlèidheadh.

Ma tha faclan no abairtean Gàidhlig agad nach eil gan cleachdadh gu tric tuilleadh, innis dhuinn mun dèidhinn!

Faodaidh sibh fios a chur thugainn air post-d aig [email protected], no sgrìobhadh thugainn air Instagram agus Facebook.

’S e Latha Abairt na Gàidhlig a bhios ann an Diardaoin 26mh dhen Ghearran, mar sin cleachd #lathaabairtnagàidhlig airson am facal agad a sgaoileadh fad’ is farsaing.

Thèid an dàn ùr fhoillseachadh aig tachartas sònraichte ann an Steòrnabhagh ann an 2026.

Air fhoillseachadh Leave a comment

Farpais chloinne: Cù Giobach

Farpais chloinne: Cù Giobach

Air fhoillseachadh: 9 Gearran 2026 ann an Naidheachdan

Airson Seachdain na Gàidhlig agus latha foillseachaidh Cù Giobach a chomharrachadh, tha Belle Kids, ann an co-bhann le Comhairle nan Leabhraichean, a’ toirt chothrom do chloinn leth-bhreac dhen leabhar agus àirleas National Book Token luach £25 a bhuannachadh!

’S e leabhar cloinne Gàidhlig le caibideilean a th’ ann an Cù Giobach, stèidhichte air aon dhe na leabhraichean cloinne as soirbheachaile riamh. Tha e ag innse sgeulachd mu chù trèigte a tha làn dheargannan is e a’ fuireach air an t-sràid. Tha a’ chridhe làn choibhneis, is chan eil e ag iarraidh ach dachaigh is maighstir còir, ach bidh sin uaireannan ga chur ann an suidheachaidhean cunnartach.

Tha dà roinn ann – faic an dealbh gu h-ìosal airson bheachdan
  • Duais airson a bhith a’ tarraing an deilbh as fheàrr ceangailte ris an leabhar
  • Duais airson na sgeulachd Ghàidhlig as fheàrr mu chù (suas ri 50 facal)

Riaghailtean

  • Aon thagradh an urra airson gach roinn dhen fharpais.
  • Chan fhaodar goireasan Tuigse Innealta (AI) a chleachdadh.
  • Feumaidh tagraichean a bhith 12 no nas òige aig àm an tagraidh.
  • Cuir tagraidhean ann an cruth Word ceangailte ri post-d gu [email protected].
  • Feumaidh ainm is aois an tagraiche a bhith anns a’ phost-d a-mhàin.
  • Na cuir ach an sgeulachd no dealbh am broinn an Word doc.
  • Thèid tagraidhean a mheasadh gun urra.
  • Tha co-dhùnadh nam britheamhan deireannach agus cha bhi còmhradh ann mu dheidhinn.
  • Ceann-latha: 5f, Dihaoine 27 Gearran 2026.
  • Cha tèid tagraidhean a thilleadh.
  • Tha Belle Media & CNL ag aontachadh nach tèid am fiosrachadh a chleachdadh ach airson na farpais.
  • Dh’fhaodadh gun tèid na tagraidhean a bhuannaicheas fhoillseachadh ann an Cuairt-litir Chomhairle nan Leabhraichean.
  • Le bhith a’ cur a-steach dhan fharpais, tha tagraichean ag aontachadh ris an fhoillseachadh gu h-àrd
Air fhoillseachadh Leave a comment

Fosgailte do thagraidhean: Duais Bhàrdachd Baile na h-Ùige

Fosgailte do thagraidhean: Duais Bhàrdachd Baile na h-Ùige

Air fhoillseachadh: 2 Gearran 2026 ann an Naidheachdan

Chaidh Duais Bhàrdachd Baile na h-Ùige a chur air bhog airson an 21mh bliadhna – le pannal de bhritheamhan a tha a’ lasadh bàrdachd is litreachas na h-Alba.

Bidh na duaisean Ghàidhlig is Albais a’ tàladh thagraidhean bho iomadh ceàrn dhen t-saoghail – cuid bho Albannaich a tha a’ fuireach thall thairis, cuid bho dhaoine aig a bheil ceanglaichean làidir gu Alba agus cuid eile bho feadhainn aig a bheil meas is ùidh anns an dùthaich.

Duaisean 2026
  • Wigtown International Prize: Prìomh dhuais: £1,500. Dàrna àite: £200
  • Wigtown Scots Prize: Prìomh dhuais: £500. Dàrna àite: £200
  • Wigtown Scottish Gaelic Prize: Prìomh dhuais: £500. Dàrna àite: £200. Taic bho Chomhairle nan Leabhraichean
  • Dumfries & Galloway Fresh Voice Award: Taic phroifeiseanta leithid meantorachd le Wigtown Festival Company agus seachdain sgrìobhaidh aig Ionad Sgrìobhadh Cruthachail na h-Alba, Moniack Mhor. Taic bho Moniack Mhor
  • Alastair Reid Pamphlet Prize: Foillseachadh an leabhrain le Gerry Cambridge

Tha an duais Ghàidhlig na taisbeanadh air cuid den nuadh-bhàrdachd Ghàidhlig as fheàrr agus i a’ nochdadh beartas sgrìobhaidh Gàidhlig.

Bidh cothrom thagraidh a’ dùnadh aig meadhan-là (12f) air Diciadain 6 Cèitean 2026.

Seo britheamhan farpaisean na bliadhna-sa:

  • Ruth Padel – Wigtown International Prize
  • Niall O’Gallagher – Wigtown Scottish Gaelic Prize
  • Rab Wilson – Wigtown Scots Prize
  • Ruth Padel – Alastair Reid Pamphlet Prize
  • Marjorie Lotfi – Dumfries and Galloway Fresh Voice Award.

Thuirt Niall O’Gallagher, “Tha duais bhiladhnail Bhaile na h-Ùige na cothrom cluas a chur ris na tha tachairt ann am bàrdachd Ghàidhlig na h-Alba. Is mi a tha dèanamh fiughair ri fios bho bhàird an latha an-diugh feuch càite a bheil an aire agus ciamar a chuireas iad saoibhreas a’ chànain gu feum.”

Thuirt Alison Lang, Stiùiriche Comhairle nan Leabhraichean, “Tha Comhairle nan Leabhraichean toilichte a bhith a’ cumail taic ri Farpais Bhàrdachd Baile na h-Ùige a-rithist, agus tha sinn an dòchas gum bi sgrìobhadairean Gàidhlig air am brosnachadh gus dàin ùra a chur a-steach. Tha e daonnan na thlachd a bhith ag aithneachadh tàlant nam bàrd tron fharpais seo, agus bidh e na urram dhuinn soirbheas an luchd-buannachaidh a chomharrachadh as t-fhoghar 2026.”

Tuilleadh fiosrachaidh: www.wigtownpoetryprize.com  

Air fhoillseachadh Leave a comment

Cùrsa Inntrigidh 21/02/26 – Gràmar & Cleachdadh Cànain

Cùrsa Inntrigidh 21/02/26 – Gràmar & Cleachdadh Cànain

Air fhoillseachadh: 9 Faoilleach 2026 ann an Naidheachdan

Disathairne 21 Gearran 2026, Dùn Èideann

Augustine United Church, 41 George IV Bridge, Dùn Èideann, EH1 1EL
Cùrsa aon latha: 9.30m-5.00f
Còmhla ri Michel Byrne

CÒ DHA?

’S ann do dh’inbhich aig a bheil beagan eòlas air Gàidhlig sgrìobhte a tha an cùrsa – feadhainn a tha aig ìre A2 no nas àirde a rèir Ìrean Cànain Coitcheann na h-Eòrpa, agus aig a bheil ùidh ann a bhith a’ sgrìobhadh, neo a tha an sàs anns na meadhanan neo foghlam.

COSGAIS?

Cuiribh fios gu [email protected]

CIA MHEUD ÀITE?

Mar as trice gheibh suas ri deichnear (10) cothrom a dhol air a’ chùrsa seo.

CÒ NÌ OIDEACHAS?

Michel Byrne (eòlaiche-cànain) a th’ air a bhith a’ teagasg grunn bhliadhnachan, agus a tha air leabhraichean gràmair a sgrìobhadh. Tha e ag obair aig Oilthigh Ghlaschu.

BUANNACHD?

Bheir an cùrsa seachad taic fheumail airson sgilean gràmair agus cleachdadh cànain a leasachadh. Fhreagradh seo ort ma tha ceistean agad co-cheangailte ris na gnothaichean seo.

CIAMAR A GHEIBH MI COTHROM?

Airson tuilleadh fiosrachaidh neo airson iarrtas a chur a-steach, cuiribh fios gu [email protected] ro Dihaoine, 13mh dhen Ghearran, 2026.

CEANN LATHA TAGRAIDH

13th February 2026. Airson àite a ghleidheadh, cuiribh fios gu [email protected]