Fiosrachadh
Acair, 2021. 131 duilleag. Còmhdach bog.
‘S e fear de mhuinntir Sholais a bh’ann am Fred MacAmhlaigh fad a bheatha. Dh’aithnichear e mar Ghàidheal, Albannach agus Eòrpach ach ‘s ann a dh’Uibhist a bha e tilleadh bliadhna às dèidh bliadhna.
Bha dlùth cheangal aig ainm Fred MacAmhlaigh ri craoladh Gàidhlig thairis air iomadach bliadhna ach mar a chaidh ainmeachadh le Jo NicDhòmhnaill anns an ro-ràdha ‘s e a bha seo ach fear aig an robh fìor eòlais air an luchd-èisteachd agus a’ choimhearsneachd anns an robh e beò.
A-nis, airson a’ chiad turas gheibhear a bhàrdachd aige cruinn ann an aon leabhar. Bàrdachd a bha e a’ sgrìobhadh tràth sa mhadainn ro obair, a’ gabhail a-steach cuspairean agus daoine a bha dlùth dha chridhe. Gheibh Gàidheil às gach ceàrnaidh tlachd asta.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.