Eadar Ceòl is Coròna

Dòmhnall E. Meek

£11.99

Gheibhear an seo bròn is aoibhneas, gruaim is gàire is fealla-dhà, meadaireachd thradiseanta is dàin san nos ùr gun mheadair.

ISBN: 9781838233723

Foillsichear: CLÀR

Ceann-latha foillseachaidh: 07 Faoilleach 2022

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

CLÀR, 2021. Còmhdach bog.

Chaidh a’ mhòr-chuid den bhàrdachd anns a’ chruinneachadh seo a chruthachadh mus robh guth air galar a’ choròna agus tha e a’ còmhdach iomadh chuspair. Tha gu leòr ann air na cuspairean tradiseanta a bhiodh aig bàrd, mar obair croite is bàtaichean. Coltach ri bàrd baile, tha Dòmhnall a’ toirt iomradh air a’ bhaile fhèin, daoine san sgìre, agus feadhainn a tha air caochladh a b’ aithne dha, ach tha e cuideachd a’ toirt a bheachdan air poileataigs na dùthcha ann an saoghal an latha an-diugh.

Gheibhear an seo bròn is aoibhneas, meòrachadh domhain, seallaidhean spioradail, gruaim is gàire is fealla-dhà, meadaireachd thradiseanta is dàin san nos ùr gun mheadair. Tha cuid de na dàin aotrom a’ dèanamh aithris air cuspairean an latha an-diugh, mar ‘Alexa NicGugaill’ is ‘Leabhar nan Aodann’; agus cuid eile a’ toirt iomradh air rudan gu math nas doimhne mar atharrachadh nan coimhearsnachdan Gàidhlig, càs luchd-imrich an t-saoghail, agus buaidh crith-thalmhainn. Bidh Dòmhnall a’ cluich le faclan ’s le cuspairean, ’s e a’ togail ìomhaighean ùra, làidir dhuinn.

’S e cruinneachadh a tha seo a leughas daoine uair is uair eile. Agus gu dearbh tha na dàin air COVID-19, agus a’ bhuaidh a tha aige air ar beatha, a’ sealltainn dhuinn cho priseil ’s a tha rudan àbhaisteach timcheall oirnn ge b’ e càit a bheil sinn.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “Eadar Ceòl is Coròna”

Your email address will not be published.