
Tha farpais Ficsean 50 Facal an Iuchair le Urras Leabhraichean na h-Alba a-nis fosgailte. Air a’ mhìos seo thathar a’ sireadh sgeulachdan Gàidhlig, ann an suas ri 50 facal, far a bheil reòiteag a’ nochdadh. Gheibh ùghdar na sgeulachd Ghàidhlig as fheàrr duais bho Chomhairle nan Leabhraichean agus thèid an sgeulachd aca fhoillseachadh air an duilleig seo.
Ceann-latha: 28 Iuchar 2026
Deiseil? Deònach? Sgrìobh! Clàr-iarrtais an seo.
San Ògmhios, b’ i Siùsaidh Hardy a bhuannaich farpais Ficsean 50 Facal airson sgeulachd Ghàidhlig. B’ e an dùbhlan a chaidh mu choinneamh thagraichean, sgeulachd a sgrìobhadh, ann an dìreach 50 facal, mu bhogha-frois. Meal do naidheachd, Siùsaidh, an dòchas gun còrd an duais bho Chomhairle nan Leabhraichean riut!
Agus seo an sgeulachd aig Siùsaidh Hardy:

Le pian is lùir na shùilean, ghabh am balach thuige-fhèin gun robh a bheatha air tighinn gu crìoch. CEÒ A’ CHOGAIDH!
Far am biodh taigh làn gaol is mìre, cha robh ach bàs is duslach.
….. Bogha-froise sna speuran ….. Làmh chaomh air a ghualainn…..
Prìobadh dòchais na chridhe????
