Fiosrachadh
Vita Activa Nuova, 2023. 168 duilleag. Còmhdach bog.
(Na Dìochuimhnichibh na h-Ainglean)
Cruinneachadh de bhàrdachd Ghàidhlig thar 30 bliadhna, le eadar-theangachaidhean dhan Eadailtis air taobh eile na duilleig (a bhaunnaich duais Premio Rilke 2023). Seo a’ chiad uair a chaidh leabhar Gàidhlig fhoillseachadh san Eadailt agus mar sin tha e na leabhar cudromach gus Gàidhlig a bhrosnachadh san Roinn Eòrpa.
Tha Crìsdean MacIlleBhàin na bhàrd Gàidhlig a choisinn iomadh duais. Às dèidh dreuchd chomharraichte acadeimigeach a’ teagasg litreachas na Gàidhlig san Ròimh, Dùn Èideann agus Glaschu, rinn e imrich a Bhudapest ann an 2006, far am bi e a’ sgrìobhadh làn-ùine. Tha an obair aige aithnichte leis an an dòigh sa bheil e a’ dèiligeadh ri cuspairean ùr-gnàthach agus an sealladh Eòrpach a tha ri fhaighinn sna dàin aige.






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.