Faclan gan trusadh airson Bàrd a’ Chomuinn

Air fhoillseachadh: 23 Gearran 2026 ann an Naidheachdan

©An Comunn Gàidhealach

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ faighneachd air daoine na faclan Gàidhlig neo-àbhaisteach aca a chur thuca.

Air Seachdain na Gàidhlig bidh Comhairle nan Leabhraichean a’ trusadh faclan Gàidhlig bhon phobaill nach eileas a cleachdadh gu làitheil tuilleadh airson pròiseact còmhla ri Anna Frater, Bàrd a’ Chomuinn. Bidh Anna Frater a’ cleachdadh nam faclan neo-chumanta seo airson dàn ùr a sgrìobhadh, airson ’s gun tèid brìgh is ciall nam faclan a ghlèidheadh.

Ma tha faclan no abairtean Gàidhlig agad nach eil gan cleachdadh gu tric tuilleadh, innis dhuinn mun dèidhinn!

Faodaidh sibh fios a chur thugainn air post-d aig [email protected], no sgrìobhadh thugainn air Instagram agus Facebook.

’S e Latha Abairt na Gàidhlig a bhios ann an Diardaoin 26mh dhen Ghearran, mar sin cleachd #lathaabairtnagàidhlig airson am facal agad a sgaoileadh fad’ is farsaing.

Thèid an dàn ùr fhoillseachadh aig tachartas sònraichte ann an Steòrnabhagh ann an 2026.