Cùrsa Inntrigidh 21/02/26 – Gràmar & Cleachdadh Cànain
Air fhoillseachadh: 9 Faoilleach 2026 ann an Naidheachdan

Disathairne 21 Gearran 2026, Dùn Èideann
Augustine United Church, 41 George IV Bridge, Dùn Èideann, EH1 1EL
Cùrsa aon latha: 9.30m-5.00f
Còmhla ri Michel Byrne
CÒ DHA?
’S ann do dh’inbhich aig a bheil beagan eòlas air Gàidhlig sgrìobhte a tha an cùrsa – feadhainn a tha aig ìre A2 no nas àirde a rèir Ìrean Cànain Coitcheann na h-Eòrpa, agus aig a bheil ùidh ann a bhith a’ sgrìobhadh, neo a tha an sàs anns na meadhanan neo foghlam.
COSGAIS?
Cuiribh fios gu [email protected]
CIA MHEUD ÀITE?
Mar as trice gheibh suas ri deichnear (10) cothrom a dhol air a’ chùrsa seo.
CÒ NÌ OIDEACHAS?
Michel Byrne (eòlaiche-cànain) a th’ air a bhith a’ teagasg grunn bhliadhnachan, agus a tha air leabhraichean gràmair a sgrìobhadh. Tha e ag obair aig Oilthigh Ghlaschu.
BUANNACHD?
Bheir an cùrsa seachad taic fheumail airson sgilean gràmair agus cleachdadh cànain a leasachadh. Fhreagradh seo ort ma tha ceistean agad co-cheangailte ris na gnothaichean seo.
CIAMAR A GHEIBH MI COTHROM?
Airson tuilleadh fiosrachaidh neo airson iarrtas a chur a-steach, cuiribh fios gu [email protected] ro Dihaoine, 13mh dhen Ghearran, 2026.
CEANN LATHA TAGRAIDH
13th February 2026. Airson àite a ghleidheadh, cuiribh fios gu [email protected]
