Na Duaisean Litreachais 2026 – Fosgailte do thagraidhean
Air fhoillseachadh: 2 Màrt 2026 ann an Naidheachdan
Tha Comhairle nan Leabhraichean air ainmeachadh gu bheil Na Duaisean Litreachais 2026 fosgailte airson thagraidhean bho sgrìobhadairean agus foillsichearan Gàidhlig. Bidh duaisean luach £750 dhan ùghdar is £750 dhan fhoillsichear rim faighinn airson leabhraichean a chaidh fhoillseachadh eadar 1 Cèitean 2025 agus 30 Giblean 2026 ann an diofar gnèithean litreachais:
- Bàrdachd – Duais Ruaraidh MhicThòmais
- Ficsean – Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn
- Neo-fhicsean – Duais Dhòmhnaill Meek
- Clann aois 0-7
- Clann aois 8+
Am-bliadhna bidh dà fharpais fa-leth ann airson leabhraichean cloinne, a’ dèanamh sgaradh eadar leabhraichean do phàistean aois 0-7, agus clann aois 8 is nas sinne. Aig Duaisean roimhe cha robh ann ach aona dhuais airson nan leabhraichean cloinne agus òigridh air fad.
A bharrachd air leabhraichean a tha ann an clò mar-thà, faodaidh sgrìobhadairean làmh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte do chloinn is do dh’inbhich a chur a-steach dhan fharpais, le duaisean eadar £500 agus £1,000 dhan luchd-buannachaidh. A thuilleadh air an duais, bidh cothrom aig ùghdar na làmh-sgrìobhainn as fheàrr do chloinn an leabhar aca a leasachadh ann an co-bhann leis an fhoillsichear Acair.
Is e 5.00f, Dihaoine 01 Cèitean 2026 an ceann-latha airson thagraidhean. Gheibhear fios mu ciamar a chuirear a-steach agus riaghailtean na farpaise an seo. Thèid an luchd-buannachaidh ainmeachadh aig cuirm ann an Cottiers Theatre, Glaschu air Dimàirt 15 Sultain 2026.
