Cùrsaichean Gràmair agus Cleachdaidhean Cànain airson Sgrìobhadairean

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ lìbhrigeadh chùrsaichean gràmair agus cleachdaidhean cànain airson sgrìobhadairean. Bidh na cùrsaichean air an teagasg le Michel Byrne, eòlaiche-cànain a th’ air a bhith a’ teagasg grunn bhliadhnachan aig Oilthigh Ghlaschu, agus a tha air leabhraichean gràmair a sgrìobhadh.

Tha cùrsaichean gràmair agus cleachdaidhean cànain airson sgrìobhadairean ann aig diofar ìrean: Cùrsa Inntrigidh, a bhios a’ teagasg riaghailtean sgrìobhaidh bunaiteach, Cùrsa Gràmair agus Cleachdadh Cànain, a tha freagarrach do dh’inbhich aig a bheil beagan eòlais air Gàidhlig sgrìobhte agus gràmar mu thràth, agus Cùrsa Ùrachaidh, do feadhainn a tha air a bhith air cùrsa gràmair roimhe, ach a tha ag iarraidh ùrachadh air na dh’ionnsaich iad.

Bhiodh na cùrsaichean air leth feumail do sgrìobhadairean, luchd-teagaisg agus daoine ag obair anns na meadhanan, ach tha iad fosgailte do neach sam bith aig a bheil Gàidhlig a tha ag amas air na sgilean gràmair agus cleachdaidhean cànain aca a leasachadh.

Cùrsa Inntrigidh

Thèid Cùrsa Inntrigidh a theagasg ann am Beurla airson a’ mhòr chuid dhe. ’S e cùrsa aon latha a bhios ann.

An ath chùrsa:
Disathairne 21 Gearran, 9.30-5f
Augustine United Church, 41 George IV Bridge, Dùn Èideann EH1 1EL

Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhail air https://www.gaelicbooks.org/cursa-inntrigidh-21-02-26-gramar-cleachdadh-canain

Cùrsa Gràmair agus Cleachdadh Cànain

Thèid Cùrsa Gràmair agus Cleachdadh Cànain a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig. ’S e cùrsa trì latha a bhios ann.

Cùm sùil a-mach airson an ath chùrsa ann an 2026.

Cùrsa Ùrachaidh

Thèid Cùrsa Ùrachaidh a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig. ’S e cùrsa aon latha a bhios ann.

An ath chùrsa:
Disathairne 24 Faoilleach, 9.30-5f
Impact Arts, The Boardwalk, 105 Sràid Brunswick, Glaschu, G1 1TF

Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhail air https://www.gaelicbooks.org/cursa-urachaidh-24-01-26-gramar-cleachdadh-canain