Fiosrachadh
Bradan Press, 2021. 151 duilleag. Còmhdach bog.
Sgrìobhte ’sa Ghàidhlig, tha dusan sgeulachdan ghoirid ’sa chiad nobhail grafaig aig dealbhadair sgrìobhadair Aonghas MacLeòid á Ceap Breatainn. Tha buaidh nan seann sgeulachdan, eachdraidh is seann chreideamhan a bhuineas do na Gàidheil agus mac-meanma an ùghdair ri ‘m faighinn ann an gach sgeul.
Rugadh is thogadh Aonghas MacLeòid ann an Còbh Anndra Ceap Breatainn, far a bheil e fhathast a’ fuireach. Thàinig a mhuinntir á Leòdhas agus ás na Hearadh. Tha e air a bhith ann an grunn de dh’fhiolmaichean Gàidhlig, “Faire Chaluim Mhic Leòid” ’nam measg. Tha e ’g obair a nis le Explore Gaelic a’ teagasg na Gàidhlig air loidhne. Còrdaidh e ris a bhith ri ghàirneilearachd ’s ri obair mu ’n cuairt air a’ bhaile fearainn a bh’ aig a phàrantan ’s tha e ro mheasail air òrain Gàidhlig.









Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.