Air fhoillseachadh Leave a comment

Na Duaisean Litreachais 2022: Geàrr-liostaichean

NDL22 logo

NDL22 logo

Tha sinn air na geàrr-liostaichean ainmeachadh airson Nan Duaisean Litreachais 2022. Tha duaisean rim faighinn ann an ceithir roinntean airson leabhraichean a chaidh fhoillseachadh eadar 1 Cèitean 2021 agus 30 Giblean 2022.

Leabhar as Fheàrr do Chloinn/Òigridh 
Blàr Mòr na Fighe – Marie C. NicAmhlaigh, dealbhan le Robin Bans (Acair)
Caiptean Cora – Lana Pheutan, dealbhan le Alice NicBhatair (Theatre Gu Leòr)
Dubh às – Sylvia Hehir, eadar-theangaichte le Johan Nic a’ Ghobhainn (Garmoran Publishing)
Mòr-thubaist aig na Geamannan Gàidhealach – Riel Nason, eadar-theangaichte le Mòrag Anna NicNèill, dealbhan le Nathasha Pilotte (Bradan Press)

Duais Ruaraidh MhicThòmais airson Leabhar Bàrdachd (le taic bho Leabharlann Bàrdachd na h-Alba)
An Seachdamh Tonn / The Seventh Wave – Sandaidh NicDhòmhnaill Jones (Acair)
Dùileach / Elemental – Marcas Mac an Tuairneir (Evertype)
Eadar Ceòl is Coròna: Bàrdachd is òrain – Dòmhnall Eachann Meek (CLÀR)
Fear de Mhuinntir Sholais / A Sollas Man – Fred MacAmhlaigh (Acair)

Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn airson Leabhar Ficsein
Às a’ Chamhanaich – Aonghas MacLeòid (Bradan Press)
Constabal Murdo 2: Murdo ann am Marseille – Aonghas Pàdraig Caimbeul (Luath Press)
Dòrlach Sìl: Sgeulachdan Sean agus Ùr – Maoilios Caimbeul (Luath Press)
Linne Dhomhain – Alistair Paul (Luath Press)

Duais Dhòmhnaill Meek airson Leabhar Neo-fhicsein
Ainmean Tuineachaidh Leòdhais / The Settlement Names of Lewis – Richard A.V. Cox (Clann Tuirc)
Maim-slè – Alasdair C. MacIlleBhàin (Theatre Gu Leòr)
Rotal: Iasgairean Leòdhais ’s Na Hearadh – Magaidh Nic a’ Ghobhainn (Heather Isle Publishing)

Tha dà dhuais eile ann airson làmh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte.

Làmh-sgrìobhainn Neo-fhoillsichte as Fheàrr do Chloinn/Òigridh (le taic bho Acair)
An Cat Coigreach – June C. Ghreumach
Càirdeas Àraidh– Alasdair MacEòsaiph
Sguir a Chomhartaich – June C. Ghreumach
Taigh a’ Phuimcein: Dàn do dh’Oidhche Shamhna – Alistair Paul

Làmh-sgrìobhainn Neo-fhoillsichte as Fheàrr do dh’Inbhich
Am Measg Luaithrean Beò – Robbie MacLeòid
Ceum – Iain D. Urchardan
Daol am Shùil – Calum MacFhionghain
Iomall: Cruinneachadh de Sgeulachdan Ficsean Saidheansail – Alistair Paul

Thèid an luchd-buannachaidh ainmeachadh Diardaoin 15 Sultain 2022. Nach tig thu còmhla rinn gu Cottiers Theatre ann an Glaschu air an oidhche sin? Gheibhear tiogaidean an seo.

Air fhoillseachadh Leave a comment

Oighreachd – dàn le Rody Gorman

coille. Oighreachd - Rody Gorman

Oighreachd

A’ siubhal am badeigin
Air cùl an t-seanchais is am Parbh
Thall ud gu tuath
’S an oighreachd aig Dùthaich MhicAoidh
Bhuam shuas gu deas
Far an robh bradan san linne
’S am fiadh mun fhireach
Is an iolaire-dhubh san aonach
Is an sneachda bho shean air a’ mhullach
Is de chaoraich-fhuadain,
Mo chreach, is de fhraoch
Air fad is air feadh na tìre
‘S an uair a’ mùthadh is a’ fàs coimheach
Garbh is balbh mu seach
Agus glasadh an t-sluaigh
Mean air mhean a’ caochladh
Is a’ falbh is a’ tighinn gu crìch
Mu dheireadh thall ’s a-bhos,
Coimhid, na craobhan-durcain ud,
Seadh, nach buin dhan dùthchas
A’ crìonadh is a’ sgapadh le gaoith
Gach taobh gan leagail a-nuas
Is a’ togail ceann, coimhid,
Nan àite na coilltean a bh’ ann
’S a leagadh ri làr nan linn
Gan cur às ùr air feadh a’ mhonaidh.

Deathseektravelling in some tuftbushplace in the back of beyond and Cape Wrath over there to the farmcountrypeoplenorth and the heritageestate of Reay Forest over there up in the neatnearsouth where there was salmon in the soundpools and deer on the barren high ground and the golden eagle in the firgreenheathhights and the old snow on the summit and all the falsestray sheep and furyrippleheather all over the land and the hourtimeweather decaychanging and wastebecoming alienterribly rough and dumbcalm turns about  and greygreen lockdown little by little diechanging and going and coming to a last borderend at long last here and there, keeplook, aye, those non-native coneconifers oppressionblastwithering and scattered by the wind every whichway being felled and headendemerging, keeplook, in their place the woods that were felled to the centreground in their generationtime being replanted all over the levelheathermoors.

 

Tha an dàn seo stèidhichte air naidheachd mu ùrachadh nan coilltean ann an Cataibh. Bidh Comhairle nan Leabhraichean a’ cumail taic ri Trees for Life, agus faodaidh duine sam bith craobhan a chur sa choille againn, Coille nan Leabhraichean.

Air fhoillseachadh Leave a comment

Litir gu Glaschu

Letter to Glasgow

Letter to Glasgow

Tha sgeulachdan am falach air feadh Ghlaschu – ann an staran nan seann eaglaisean, ann an oisean na pàirce far a bheil ainm snaidhte air being, fo dhuslach san t-seada aig ceann a’ ghàrraidh, agus am measg nan seann dealbhan-camara sa bhogsa ud fon leabaidh. Ann am Bliadhna nan Sgeul, tha sinn ag iarraidh ort Litir gu Glaschu a sgrìobhadh mun sgeulachd fhalaichte agad fhèin, agus dh’fhaodadh tu £500 (inbhich) no £50 agus tiogaidean consairt (airson cloinne agus dhaoine òga) a bhuannachadh.

Is e 9 Sultain 2022 an ceann-là. Cuir an litir agad mar fhaidhle an cois post-d gu [email protected] le “Letter to Glasgow” mar thiotal.

Leugh na riaghailtean a leanas gu faiceallach mus cuir thu tagradh a-steach.

  1. Tha a’ cho-fharpais seo ga cur air dòigh le Glaschu Beò agus Comhairle nan Leabhraichean.
  2. Tha trì roinntean ann: a) do chloinn aois bun-sgoile; b) do dhaoine òga aois àrd-sgoile; agus c) do dh’inbhich.
  3.  Faodaidh gach neach aon tagradh a-mhàin a chur a-steach.
  1. Feumaidh gach tagradh a bhith ann an Gàidhlig na h-Alba. Bidh na britheamhan a’ coimhead airson nam beachdan as fheàrr, agus cha bhi iad a’ peanasachadh tagradh far a bheil mearachdan litreachaidh no gràmair sa Ghàidhlig. Dh’fhaodadh an tagraidhean as fheàrr a bhith gan deasachadh mus tèid am foillseachadh.
  2. Feumaidh na tagraidhean a bhith: fo 500 facal airson inbheach, agus fo 250 facal airson thagraichean aois bun-sgoile no àrd-sgoile.
  3. Bu chòir tagraidhean a bhith ann an cruth Word, ceangailte ri post-dealain. Taobh a-staigh a’ phuist-d, cuiribh ur n-ainm, seòladh dachaigh, àireamh fòn agus an roinn den fharpais air a bheil iad ag amas (Bun-sgoil, Àrd-sgoil no Inbhich), ach cha bu chòir ur n-ainm no dad sam bith a bheireadh fios cò sibh a bhith san litir fhèin, bhon a bhios na tagraidhean air am breith gun fhios cò sgrìobh iad.
  4. Cuiribh tagradh gu [email protected] ro Dhihaoine 9 Sultain 2022. Cha ghabhar ri tagraidhean a thig an dèidh a’ chinn-latha sin.
  5. Nì triùir bhritheamhan co-dhùnadh air na tagraidhean a gheibh duais. Thèid pannal nam bitheamhan a thaghadh leis an dà bhuidhinn.
  6. Gheibh an luchd-buannachaidh fios le post-d air 23 Sultain 2022, agus thèid ainmean an luchd-buannachaidh foillseachadh air làraichean-lìn Ghlaschu Beò agus Chomhairle nan Leabhraichean air 23 Sultain 2022.
  7. Bheir an luchd-buannachaidh cead do Chomhairle nan Leabhraichean agus do Ghlaschu Beò an obair aca fhoillseachadh air làraichean-lìn na dà buidhne, agus ann an sanasan co-cheangailte, agus aontaichidh iad gun tèid an obair aca a thaisbeanadh aig tachartas air 19 Dàmhair 2022 aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt. Mairidh an dlighe-sgrìobhaidh leis an ùghdar.
  8. Gheibh neach-buannachaidh farpais nan inbheach £500 agus thèid an litir aca fhoillseachadh anns an iris STEALL.
  9. Gheibh luchd-buannachaidh nam farpaisean do chloinn is do dhaoine òga eàrlas aison dà thiogaid gu tachartas aig Celtic Connections a tha fregarrach airson teaghlaich, agus eàrlas leabhraichean luach £50.