Na Duaisean Litreachais 2024: An Luchd-buannachaidh
Air fhoillseachadh: 18 Sultain 2024 ann an Naidheachdan

Chaidh buannaichean nan Duaisean Litreachais 2024 ainmeachadh aig cuirm ann an Cottiers Theatre, Glaschu, air Dimàirt 17 Sultain 2024. Chaidh duaisean a bhuileachadh ann an ceithir roinnean airson leabhraichean a bha foillsichte eadar 1 Cèitean 2023 agus 30 Giblean 2024, agus cuideachd airson làmh-sgrìobhainnean do dh’inbhich agus do chloinn no òigridh.
Leabhar as Fheàrr do Chloinn/Òigridh
Buannaiche: Tìgear an Iomagain – eadar-theangaichte le Mòrag Stiùbhart (Acair)


Airidh air moladh: Na Còig Mathain – eadar-theangaichte le Alasdair Caimbeul (Acair)


Duais Ruaraidh MhicThòmais airson Leabhar Bàrdachd
Buannaiche: Sa Chnoc – Rody Gorman (CLÀR)


Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn airson Leabhar Ficsein
Buannaiche: Far na Slighe – Shelagh Chaimbeul (Luath Press)


Duais Dhòmhnaill Meek airson Leabhar Neo-fhicsein
Buannaiche: Women of the Hebrides / Ban-eileanaich Innse Gall – Joni Bhochanan (Acair)


Airidh air moladh: Somhairle MacGill-Eain: Na Bhriathran Fhèin – deas. Màiri Sìne Chaimbeul, Jo NicDhòmhnaill & Iseabail NicGill-Eain (Acair)




Làmh-sgrìobhainn Neo-fhoillsichte as Fheàrr do Chloinn/Òigridh (le taic bho Acair)
Buannaiche: Casan Dhonaidh – Gwen Bowie

Làmh-sgrìobhainn Neo-fhoillsichte as Fheàrr do dh’Inbhich
Buannaiche: An Taobh Dorcha – Seonaidh Charity

Airidh air moladh: Dàn nam Ban – Ceitidh Chaimbeul

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ cur meal-a-naidheachd air an luchd-buannachaidh agus a’ toirt taing mhòr dhan h-uile neach agus buidheann a tha air taic a chumail ri Na Duaisean Litreachais 2024 – nam measg, Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Comann Gàidhealach Lunnainn, Acair, Dòmhnall Meek agus teaghlach an Ollamh Ruaraidh MhicThòmais, nach maireann.
Gheibhear na geàrr-liostaichean air fad an seo.
