Coille nan Leabhraichean

Air fhoillseachadh: 12 Samhain 2021 ann an Naidheachdan

Carson a tha sinn a’ toirt taic do Trees for Life?

Bidh an gnìomhachas foillseachaidh a’ toirt buaidh air an àrainneachd. Eadar pàipear, inc, siubhail agus dealan, tha a h-uile ceum bho bheachd-smuain gu clò-bhualadh a’ cleachdadh ghoireasan, agus tha uallach oirnn a bhith mothachail air a’ chron a dh’fhaodadh seo a dhèanamh. Airson buaidh ar n-obrach air an àrainneachd a lùghdachadh, tha sinn air “Coille nan Leabhraichean” a chruthachadh, far am bi Trees for Life a’ cur craobh airson gach leabhar a thèid fhoillseachadh le maoin bho Chomhairle nan Leabhraichean.

Thòisich sinn san Ògmhios 2021 le 22 craobhan, airson nan 22 leabhraichean a chaidh fhoillseachadh ann an 2020-21, agus gach bliadhna cuiridh sinn feadhainn ùra. Faodaidh sibhse craobhan a bharrachd a chur sa choille againne le bhith a’ tadhail air Trees for Life. Chan eil e a’ cosg ach £6. Thèid a h-uile sgillinn gu dìreach gu Trees for Life, agus cha tig e gu Comhairle nan Leabhraichean idir, ach ma tha sibh airson taic a chumail ri Comhairle nan Leabhraichean cuideachd gabhaidh sin a dhèanamh tron duilleig Cuir Taic againn.

Taing airson Comhairle nan Leabhraichean agus Trees for Life a chuideachadh.