

Tha LAS 2023, cothrom taic do sgrìobhadair stèidhichte, fosgailte do sgrìobhadairean Gàidhlig a tha a’ tòiseachadh no ag obair air pròiseact cudromach. Tòisichidh taic tro LAS 2023 anns an Fhaoilleach an ath bhliadhna, agus mairidh an taic eadar naoi mìosan agus bliadhna, a-rèir feumalachdan an sgrìobhadair.
Faodaidh tu tagradh a chur a-steach, ma tha thu:
- Stèidhichte ann an Alba
- Fileanta ann an Gàidhlig
- Nad sgrìobhadair rosg (ficsean/neo-fhicsean), neach-dèanamh chomaigean, bàrd, sgeulaiche, dealbhadair neo dràmadair (Bu chòir do dhràmadairean a tha a’ coimhead airson taic le obair theatair, coimhead ri cothroman a tha rim faotainn aig Stiuidio Dhràmadairean Alba).
- Coileanadh shlatan-tomhais airson sgeama Urras Leabhraichean na h-Alba Litreachas Beò (‘Live Literature’). Chan fheum thu a bhith clàraichte air ‘Live Literature’, dìreach coileanadh nan slatan-tomhais.
An taic:
- Program de thaic subailte
- Taic-airgid £2,000
- Trèanadh pròifeasanta (sùil air a’ phròiseact agad, taic a thaobh trèanadh ann am PR agus margaidheachd)
- Seachdain sgrìobhaidh aig Moniak Mhor
Tagraidhean:
Cuir do thagradh a-steach air post-d gu [email protected] le ‘Comhaltachd Ignite 2023: D’ ainm’ san loidhne cuspair. Tha tuilleadh fiosrachaidh air ciamar a nithear tagradh ri fhaighinn bho làrach-lìn Urras Leabhraichean na h-Alba.
Ceann-latha airson tagraidhean: ro mheadhan-latha, Diciadain 14 an t-Sultain 2022.












