Uaireannan, is iad na ciad cheumannan sin ann an sgrìobhadh proifeiseanta as duilghe – a’ cruthachadh làmh-sgrìobhainn agus a’ dèanamh ceangal ris a’ ghnìomhachas.
Ciamar a chuireas tu structar air do chiad leabhar? Dè na ceumannan a ghabhas tu gus a dheasachadh agus a leasachadh airson fhoillseachadh san àm ri teachd? Am bi luchd-leughaidh ann don obair seo, agus cò iad na foillsichearan a bheir cuideachadh dhut leis an luchd-leughaidh sin a ruighinn?
Tha sgeama Ar Guthan ag amas air sgrìobhadairean Gàidhlig neo-fhoillsichte a chuideachadh: sgrìobhadairean aig a bheil sgrìobhadh a tha gu bhith deiseil ach nach eil fhathast air fhoillseachadh. Ged a tha e fosgailte don a h-uile a tha ag obair tro mheadhan na Gàidhlig, agus ag aithneachadh iomallachadh litreachas na Gàidhlig ann an Alba, tha sinn dealasach a thaobh tagraidhean a bhrosnachadh bho ghuthan fo-riochdaichte taobh a‑staigh coimhearsnachd na Gàidhlig – iadsan as dòcha aig nach eil cothrom air an t-seòrsa taic phroifeiseanta seo.
Tha sinn gu h-àraid a’ cur fàilte air tagraidhean bho sgrìobhadairean Gàidhlig neo‑fhoillsichte a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan nan eilean, neo ann an àite air an dùthaich nach eil faisg air baile mòr. Cuideachd, feadhainn a tha stèidhichte ann an Alba agus a tha ciorramach, LGBTQ+ (Leasbach, Gèidh, Dà-sheòrsach, Tar-ghnèitheach, Cuèir +), le eòlas san t-siostam cùraim, muinntir a tha gam meas fhèin mar Dhubh, Àisianach, neo Mion-Chinnidheach, agus/neo à dachaigh air teachd-a-steach ìosal.
Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine aig a bheil dìth-mhisneachd ceangailte ri sgrìobhadh ann an Gàidhlig (a thaobh cainnt, litreachadh neo adhbharan eile). Thathar ag iarraidh air na tagraichean sin fios a chur gu Comhairle nan Leabhraichean gus cruth eile den tagradh, agus/no sampall sgrìobhaidh, obrachadh a‑mach, ma dh’fheumas iad.
Ceann-latha dùnaidh: 14 April 2022
Mun Phrògram
Is e pìleat de sgeama meantoraidh a th’ ann an Ar Guthan, air a ruith le Comhairle nan Leabhraichean agus Alba Chruthachail ann an com-pàirteachais.
Ann an 2022, tha sinn ag amas air taic a thoirt do thriùir sgrìobhadairean ann an litreachas na Gàidhlig a tha neo-fhoillsichte gus a’ chiad phìos obrach fad-leabhair aca ann am ficsean, no neo-fhicsean cruthachail, a leasachadh.
Bidh sinn a’ dèanamh seo tro ghairm fhosgailte airson tagraidhean.
Ma bhios tu air do thaghadh, thèid dàimh meantoraidh a thabhann dhut le eòlaiche litreachais a tha buntainneach don stoidhle chruthachail agad (ficsean/neo-fhicsean cruthachail) agus gheibhear beachd bho fhoillsichear de litreachas Gàidhlig. Leanaidh an taic airson timcheall air (neo suas gu) 12 mìos. Is e amas a’ phròiseict taic a chur ri sgrìobhadairean Gàidhlig ùra gus an obair chruthachail aca a leasachadh. Thathas an dòchas freagairt a thoirt dhaibh bho ghnìomhachas foillseachaidh na Gàidhlig a bhios a’ beachdachadh air an luchd-leughaidh agus so-dhèantachd na h-obrach, gus an gabh a leasachadh ann an dòigh a tha a’ meudachadh chothroman air foillseachadh fhaotainn dha.
Dh’fhaodadh gun tèid an taic a thoirt seachad air a’ fòn no tro Zoom, a thuilleadh air post-d airson bheachdan sgrìobhte. Tha sinn an dòchas gum faod e a bhith comasach dhuinn cuid de na coinneamhan a chumail gu pearsanta, ma thathar den bheachd gu bheil e sàbhailte sin a dhèanamh.
Cuin a bhios am prògram ann?
Bidh am prògram fosgailte do thagraidhean air 18 Gearran 2022 agus a’ dùnadh air 31 Màrt 2022.
Gheibh na tagraichean soirbheachail fios ro 30 Giblean 2022 agus tòisichidh am prògram meantoraidh às dèidh 10 Cèitean 2022. Thèid bruidhinn air clàr iomlan leis na tagraichean soirbheachail agus bidh sùbailteachd air a thabhann gus an cothrom seo a chur air dòigh.
Cò a dh’fhaodas tagradh a dhèanamh?
Gus a bhith freagarrach airson tagradh a dhèanamh, feumaidh tu a bhith:
- 18 bliadhna a dh’aois no còrr aig an àm seo
- stèidhichte ann an Alba aig an àm seo
- a’ sgrìobhadh leabhar neo-fhicsean cruthachail, nobhail no cruinneachadh de sgeulachdan goirid, sa Ghàidhlig aig an àm seo
Chan eil sinn a’ coimhead airson leabhraichean chloinne, nobhailean grafaigeach no bàrdachd aig an ìre seo, ach dh’fhaodadh gum bi prògraman eile rim faotainn san àm ri teachd, gus taic a chur ri sgrìobhadairean den t-seòrsa sin.
Tha an cothrom seo fosgailte do sgrìobhadairean a tha stèidhichte ann an Alba agus nach eil air obair iomlan (leabhar slàn) do dh’inbhich fhoillseachadh.
Ciamar a nì mi tagradh?
Gus tagradh a dhèanamh airson a’ phrògraim seo, leugh na stiùiridhean seo agus cuir a-steach tionndadh slàn den fhoirm-tagraidh a tha ri fhaighinn air an làrach-lìn seo ann an cruth PDF agus Word (neo cuir fios gu [email protected] mur eil e furasta dhut foirm-tagraidh fhaighinn), còmhla ri sampall den làmh-sgrìobhainn a tha thu airson a leasachadh.
Neo-fhicsean cruthachail
Airson neo-fhicsean cruthachail: dealbh iomlan (gun a bhith barrachd na 1 duilleag) agus trì caibideilean sampaill / suas ri 20,000 facal den leabhar agad. Tha feum air 10,000 facal aig a’ char as lugha.
Nobhail
Airson nobhail: geàrr-iomradh (gun a bhith barrachd na 1 duilleag) agus na ciad trì caibideilean, no suas ri 20,000 facal den leabhar Tha feum air 10,000 facal aig a’ char as lugha.
Cruinneachadh sgeulachdan goirid
Airson cruinneachadh sgeulachdan goirid: tar-shealladh (gun a bhith barrachd na 1 duilleag) de chuspairean a’ chruinneachaidh, agus taghadh de sgeulachdan sa bheil àireamh iomlan de eadar 10,000 agus 20,000.
Feumalachdan sònraichte
Mar a tha air aithris gu h-àrd, tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine aig a bheil dìth-mhisneachd a thaobh sgrìobhadh ann an Gàidhlig – gnothaichean cainnt, litreachaidh is eile. Thathar ag iarraidh air na tagraichean sin fios a chur gu Comhairle nan Leabhraichean gus cruth eile den tagradh agus/no sampall sgrìobhaidh, ma dh’fheumas iad, obrachadh a-mach.
Eòlas Sgrìobhaidh
Chìthear ann am foirm-tagraidh Ar Guthan gu bheil sinn airson a thuigsinn dè an t-eòlas buntainneach a tha air a bhith agad – ma tha idir – ann an leasachadh a’ sgrìobhaidh chruthachail agad gu ruige seo.
Mar eisimpleir, cur a-steach pìosan obrach gu farpaisean sgrìobhaidh, meadhanan ionadail no irisean litreachail; nad phàirt de bhuidheann ais-fhiosrachadh sgrìobhaidh; frithealadh chùrsaichean sgrìobhaidh cruthachail no bùithtean-obrach; ag obrachadh le meantor gus do sgrìobhadh a leasachadh; ag iomlaid obrach le sgrìobhadair eile; ag adhartachadh an leabhair seo no eile gu àidseant litreachail no foillsichear; sealltainn do sgrìobhadh do bhall den teaghlach; leughadh artaigilean mun chiùird sgrìobhaidh air-loidhne; gun do sgrìobhadh a roinn a-riamh roimhe le neach eile; a bhith nad phàirt de choimhearsnachd sgrìobhaidh air‑loidhne; a’ leughadh gu dìcheallach mu chuspairean as toigh leat agus mu na gnèithean sgrìobhaidh as fheàrr leat.
Am Pròiseas Taghaidh
An dèidh a’ chinn-latha dheireannaich, bidh na tagraidhean iomchaidh uile air an leughadh ’s air an deasbad ann an dìomhaireachd le pannal de eòlaichean litreachais, fo stiùireadh Chomhairle nan Leabhraichean.
Taghaidh am pannal na tagraidhean ris a bheil iad a’ cur taic.
Thèid fios a chur gu tagraichean soirbheachail ro dheireadh a’ Ghiblein 2022. Mura h-eil e comasach dhut gabhail ri àite air an sgeama, no nach eil thu airson com-pàirteachadh sa phrògram, thèid d’ àite a thoirt do thagraiche eile.
Gheibh tagraichean nach eil soirbheachail fios ro dheireadh a’ Ghiblein. Tha sinn ag amas air beachd goirid bhon phannal breithneachaidh a thoirt do gach tagradh freagarrach fa leth.
Ma bhios tu air do thaghadh airson a’ phrògraim Ar Guthan, bidh sinn a’ conaltradh riut an uair sin gus coinneamh a chur air dòigh airson bruidhinn air na feumalachdan sgrìobhaidh agad.
Dìon Dàta
Tha feum aig Comhairle nan Leabhraichean air beagan fiosrachaidh phearsanta mud dheidhinn gus beachdachadh air do thagradh. Às aonais an fhiosrachaidh seo, cha bhi e comasach do Chomhairle nan Leabhraichean a dhol air adhart leis an tagradh agad.
Ma tha draghan sam bith agad mun dòigh sa bheil sinn a’ giullachd d’ fhiosrachadh pearsanta, bu chòir dhut fios a chur thugainn, oir chuireadh Comhairle nan Leabhraichean fàilte air a’ chothrom obrachadh leat gus fuasgladh fhaighinn air gearan sam bith a th’ agad.