Call for submissions from Luath Press (Gaelic only)

Posted on 10 May 2022 in Latest News

Tha Luath Press air a bhith a’ foillseachadh ficsean Gàidhlig fon ainm FICSEAN LUATH fad ceithir bliadhna a-nis. Tha an sreath ùr seo a’ dol bho neart gu neart.

Tha Luath toilichte cuireadh a thoirt do sgrìobhadairean ficsein ann an Gàidhlig na h-Alba: nobhailean, neo molaidhean air nobhailean, a chur a-steach airson foillseachadh ann an 2023 air adhart. Bithear a’ beachdachadh air cruinneachaidhean de sgeulachdan goirid Gàidhlig cuideachd. Ma tha thu nad ùghdar le nobhail Gàidhlig do dh’inbhich (30,000 facal de dh’fhaid aig a’ char as giorra agus 100,000 facal aig a’ char as fhaide), bhitheamaid toilichte cluinntinn bhuat!

Thathar ag amas air co-dhiù dà nobhail Ghàidhlig fhoillseachadh a h-uile bliadhna.

Cuideachd, mura h-eil an nobhail/cruinneachadh sgeulachdan Gàidhlig agad deiseil fhathast ach ma tha thu a’ miannachadh foillseachadh ann an 2023/24 air adhart, bhitheamaid airson cluinntinn bhuat cuideachd. Cuir a-steach na th’ agad!

Airson barrachd fiosrachaidh, cuir fios gu Joan Nicdhòmhnaill, Àrd Neach-deasachaidh Ficsean Luath.

NEO cuir fòn gu Oifis Luath Press air 0131 225 4326 (faighnich airson Gavin MacDougall – Beurla a mhàin)

Ceann-latha: Diluain 01 an Lùnastal 2022.

Pròiseact FICSEAN LUATH ann an co-bhonn ri Comhairle nan Leabhraichean.

 

* Thèid gach tagradh a chumail dìomhair. Bi mothachail: chan urrainn dhuinn gealltanas a thoirt dhut gun tèid d’ obair fhoillseachadh, agus tha am prògram foillseachaidh againn airson nobhailean Gàidhlig cuingealaichte gu 2-3 nobhail gach bliadhna. Mura tèid gabhail ri do thagradh, gu mì-fhortanach, chan urrainn dhuinn a dhol an sàs ann an deasbaireachd.