Slighe Fonn na Bàrdachd

£15.00

gd

Leabhar ùr a tha na thoradh air pròiseact mòr iomadh bliadhna le Màiri Callan, a’ cur fuinn ri seann òrain Gàidhlig.

ISBN: 3232 Buinidh seo ri: ,

ISBN: 9781906804527

Foillsichear: Màiri Callan

Ceann-latha foillseachaidh: 27 Faoilleach 2026

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Màiri A. Callan, 2026. 32 duilleagan. Còmhdach bog.

Chaidh pròiseact Màiri Challan a bhrosnachadh tron tùs-bheachd gun robh bàrdachd Ghàidhlig air a dheànamh airson a seinn, agus gu bheil am facal air a sheinn a’ comharrachadh eachdraidh shòisealta is phoilitigeach na Gàidhealtachd le dèinead agus neart nas motha na an teacsa bhàrdachdail a bhith sàmhach air an duilleig. An dèidh mòran chruinneachaidhean foillsichte de bhàrdachd Ghàidhlig a rannsachadh, lorg Màiri stòras farsaing de rannan Gàidhlig a bha air an sgrìobhadh airson an seinn ach aig nach robh fuinn aithnichte: sgeòil nam bàrd gun an innse, sàmhach air duilleagan gun an tionndadh. Mar sin, chuir i roimhpe guth ùr a thoirt dha na bàird agus na sgeulachdan a sgaoileadh. Chuir i ceòl ri deich seann phìosan bàrdachd air caochladh chuspair agus ceòl fèin-taic clàrsaich do dhà dhe na dàin, an dòchas gun tòiseachadh daoine air an seinn às ùr. Tha obair Màiri a’ comharrachadh bàrdachd Iain MacCodruim, Sìleas na Ceapaich, A’ Chlàrsair Dhall, Màiri Nighean Alasdair Ruaidh, Iain Luim, Maighread Nighean Lachlainn agus Dhonnchaidh Bhàin.

Tha measgachadh de cho-cheòl an seo, do ghuth a-mhàin air neo le taic clàrsaich a tha a’ cur ris an òran agus ga ghiùlan gu siùbhlach. Tha an ceòl a’ dèanamh luaidh air gaisgich litreachas nan Gàidheal ann an caochladh dhòighean, ach an-còmhnaidh le guth a tha a’ gairm nan briathran do shaoghal an là an-diugh. Fonn a bhiodh a cheart cho buailteach tighinn bhon Chlàrsair Dhall e fhèin, no meadrachd na h-ochdamh linn deug air a fighe ri fonn sùbailte, snìomhach. Dlùth-chomann le guthan sgairteil mnathan ar n-eachdraidh leithid Maighreid Nighean Lachlainn, no fuinn gan cur ri ùrnaighean Sìlis na Ceapaich a tha a’ toirt dhuinn cha mhòr ginealach ùr a’ leantainn air laoidhean Dhòmhnaill Iain Dhonnchaidh is Iseabail T. NicDhòmhnaill. – Màiri Anna NicUalraig

Bhite daonnan a’ seinn na seann bhàrdachd – Ceana Chaimbeul

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Be the first to review “Slighe Fonn na Bàrdachd”

Your email address will not be published. Required fields are marked *