Fiosrachadh
Cànan, 1999. 123 duilleag. Còmhdach Bog.
Cruinneachadh anns a bheil measgachadh de rosg: sgeulachdan goirid, dràma is eile.
Bha bùth aig m’ athair ann an Dail bho Dheas. Innte gheibheadh tu càis air a gearradh le uèir, siùcar am poca gorm, ìm a-mach às an tuba, tombaca dubh, parafain, siabann dearg, Snowfire, Gold Flake, Kensitas, Oxydol, Brasso, clobhars, ròp, pìoban, crèadh, sausages shlaighseach Waddells agus – aig fìor cheann a’ chuntair – am pàipear-naidheachd.
Rugadh agus thogadh Alasdair Caimbeul – no Alasdair a’ Bhocsair mar as fheàrr a dh’aithnichear e – ann an sgìre Nis ann an Leòdhas. Tha fìor bhlas an Nisich air sgeulachdan a’ chruinneachaidh seo, agus fìor dhealbh de Nis air a toirt dhan luchd-leughaidh. Ach tha lìontan Alasdair sgaoilte gu math nas fharsainge na sgìre a dhùthchais fhèin.
‘S tric a bheir na sgeulachdan seo gàire ort, ach bheir iad ceist ort cuideachd mun t-seòrsa saoghail anns a bheil sinn beò an-diugh agus mu na chaill sinn air an t-slighe.






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.