Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile

Donnchadh MacGilliosa

£9.99

gd

An dàrna cruinneachadh sgeulachdan leis an t-sàr sgrìobhadair Donnchadh MacGillIosa.

ISBN: 9781900901543 Buinidh seo ri: ,

ISBN: 9781900901543

Foillsichear: Ùr-sgeul

Ceann-latha foillseachaidh: 17 Ògmhios 2013

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

CLÀR, 2013. 246 duilleag. Còmhdach Bog.

Seo an dàrna cruinneachadh sgeulachdan leis an t-sàr sgrìobhadair Donnchadh MacGillIosa. Tha Dòmhnall Iain, a choinnich sinn sa chiad chruinneachadh, Tocasaid ‘Ain Tuirc, a’ nochadh a-rithist, trang le planaichean mòra, feallsanachd, bàrdachd, trod is àbhachdas ach is iomadh caractar dealbhach, iongantach eile a nochdas a tha gar stiùireadh gu faireachdainnean domhainn air nàdar nan ceanglaichean a th’ againn ris an t-saoghal agus na daoine mun cuairt oirnn. Tha liut air leth aig an sgrìobhadair seo air beatha nan caractaran aige, sean is òg, fireann is boireann a thoirt am follais, a’ mìneachadh miann an leanaibh bhig leis an aon cho-fhaireachdainn ‘s a thuigeas e inntinn na caillich a’ tighinn gu deireadh an là.

Leabhar a tha freumhaichte ann an rèasg Eilean Leòdhais ach a bhuineas rinn uile ge bith co às a tha sinn. Sgrìobhadh innleachdach a ghabhas a leughadh is ath-leughadh le annasan ùra a’ tighinn am bàrr gach uair.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile”

Your email address will not be published. Required fields are marked *