Fiosrachadh
Clàr, 2010. 71 duilleag. Còmhdach bog.
Cruinneachadh sgeulachdan de gach seòrsa is cuspair. Tha cuid aca èibhinn, aotrom, cuid blàth-chridheach, socair agus cuid eile dorcha, ach le dàimh aig cridhe gach te: an dàimh eadar caraidean, eadar seanmhair is ogha, eadar màthair is an leanabh na broinn. Tha na suidheachaidhean àbhaisteach – caraidean a’ gabhail srùpag còmhla no dithis air splaoid oidhche Hoine mar eisimpleir – ach thig buil asta a chuireas iongnadh agus fiù clisgeadh oirnn nach dìochuimhnich sinn ann an cabhag.
Tha liut air leth aig an sgrìobhaiche seo air ceist fhaicinn tro shùilean iomadh neach – an cealgair agus an gealtaire nam measg – agus ged nach leig sinn a leas aontachadh ris na gnìomhan aca, tuigidh sinn dè tha a’ toirt orra dèanamh mar a nì iad. Chìthear laigse san duine làidir agus neart anns an duine lag; lorgar gaol nuair a tha dòchas air chall agus dòchas far an deach gaol a mhùchadh.
Tha a’ chainnte sìmplidh, an guth-aithris soilleir, làidir agus brìgh gach sgeòil a’ gluasad cridhe, a’ brosnachadh inntinn agus a’ togail cheistean tuigseach, smaoineachail air na nithean bunasach a tha gar cumail a’ dol agus gar cumail còmhla.
Leugh lèirmheas air an leabhar seo le Aonghas MacNeacail bho The Scottish Review of Books






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.