Fiosrachadh
CLÀR, 2008. 316 duilleag. Còmhdach bog.
’S ann às Na Hearadh a tha Niall MacLeòid ach tha e air a bhith a’ fuireach ann an ceann a deas Shasainn fad iomadh bliadhna. Tha obair mhath aige ann an Seirbheis a’ Chrùin, taigh mòr agus dòigh-beatha chomhartail. Dh’fhaodadh e bhith riaraichte le staid, a rèir choltais.
Goirid ron a seo, ge-tà, gheibh Niall droch naidheachd mu shlàinte agus, ged nach tig seo gu càil, tha e a’ togail cheistean na inntinn mun dòigh-beatha a tha aige agus na rudan a leig e seachad air a son. Teagamhan fiù ’s. A bheil e dha rìribh riaraichte le chor?
Tha Niall a’ cur roimhe tadhal, san aon latha, air na h-àiteachean a bha cudromach dha na bheatha gu seo – Na Bàigh, Steòrnabhagh, Glaschu, Dùn Èideann agus air ais dhachaigh a Shuraidh. ’S e seo ‘an latha as fhaide’. Dè tha e a’ sireadh agus dè a’ chrìoch a tha gu bhith air a latha?
Tha an t-ùghdar ag innse na sgeulachd tro bhriathran Nèill fhèin. Tha e gu sgileil a’ cur far comhair gach ceum de thuras. Turas anns a bheil iomadh caractar agus tionndadh. Tha gaol agus gamhlas, àbhachdas agus aithreachas anns ‘An Latha as Fhaide’. Bheir e ort smaoineachadh.






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.