An Latha as Fhaide

Màrtainn Mac an t-Saoir

£8.99

gd

Tha Niall MacLeòid a’ cur roimhe tadhal, san aon latha, air na h-àiteachean a bha cudromach dha na bheatha gu seo – Na Bàigh, Steòrnabhagh, Glaschu, Dùn Èideann agus air ais dhachaigh a Shuraidh. ’S e seo ‘an latha as fhaide’.

ISBN: 1252 Buinidh seo ri: ,

ISBN: 9781900901390

Foillsichear: CLÀR

Ceann-latha foillseachaidh: 01 Dàmhair 2008

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

CLÀR, 2008. 316 duilleag. Còmhdach bog.

’S ann às Na Hearadh a tha Niall MacLeòid ach tha e air a bhith a’ fuireach ann an ceann a deas Shasainn fad iomadh bliadhna. Tha obair mhath aige ann an Seirbheis a’ Chrùin, taigh mòr agus dòigh-beatha chomhartail. Dh’fhaodadh e bhith riaraichte le staid, a rèir choltais.

Goirid ron a seo, ge-tà, gheibh Niall droch naidheachd mu shlàinte agus, ged nach tig seo gu càil, tha e a’ togail cheistean na inntinn mun dòigh-beatha a tha aige agus na rudan a leig e seachad air a son. Teagamhan fiù ’s. A bheil e dha rìribh riaraichte le chor?

Tha Niall a’ cur roimhe tadhal, san aon latha, air na h-àiteachean a bha cudromach dha na bheatha gu seo – Na Bàigh, Steòrnabhagh, Glaschu, Dùn Èideann agus air ais dhachaigh a Shuraidh. ’S e seo ‘an latha as fhaide’. Dè tha e a’ sireadh agus dè a’ chrìoch a tha gu bhith air a latha?

Tha an t-ùghdar ag innse na sgeulachd tro bhriathran Nèill fhèin. Tha e gu sgileil a’ cur far comhair gach ceum de thuras. Turas anns a bheil iomadh caractar agus tionndadh. Tha gaol agus gamhlas, àbhachdas agus aithreachas anns ‘An Latha as Fhaide’. Bheir e ort smaoineachadh.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Be the first to review “An Latha as Fhaide”

Your email address will not be published. Required fields are marked *