Na Duaisean Litreachais 2025: Geàrr-liostaichean

Air fhoillseachadh: 26 Lùnastal 2025 ann an Naidheachdan

 

Tha Comhairle nan Leabhraichean air geàrr-liostaichean nan Duaisean Litreachais 2025 fhoillseachadh. Tha duaisean rim buileachadh ann an sia roinnean airson leabhraichean a chaidh fhoillseachadh eadar 1 Cèitean 2024 agus 30 Giblean 2025, agus làmh-sgrìobhainnean nach eil fhathast ann an clò.

Leabhar as Fheàrr do Chloinn/Òigridh
Ailig agus an Dalek GàidhligShelagh Chaimbeul (Acair)
An Cat Coigreach June Ghreumach (Bradan Press)
Na Mailghean MillteachSteve Smallman, eadar-theangaichte le Mòrag Stiùbhart (Acair)
Uncail Dod agus Na DìneasaireanMàiri NicGillIosa (Acair)

Bàrdachd: Duais Ruaraidh MhicThòmais
Athair/FatherCrìsdean MacIlleBhàin (Francis Boutle Publishers)
Bàrdachd a’ Bhaile Mhòir: 15 Glasgow Poemsdeas. Niall O’Gallagher (Blue Diode Publishing)
Govanhill Mythology/Beul-aithris Chnoc a’ GhobhainnShane Johnstone (Arkbound)

Ficsean: Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn
Am Prionnsa – Graham Cooper (Luath Press)
A’ HobatJ.R.R. Tolkien, eadar-theangaichte le Moray Watson (Evertype)
Draoidh Drùidhteach Oz  – L. Frank Baum, eadar-theangaichte le Sgàire Uallas (Evertype)
Inneal na Tìme – H.G. Wells, eadar-theangaichte le Moray Watson (Follais)

Neo-fhicsean: Duais Dhòmhnaill Meek
An Staran: Rosg Gàidhlig le Ruaraidh MacThòmais deas. Petra J. Poncarová (Acair)
A’ Chiad Bhana-Leòdhasach ann an Athabasca/The First Lewis Woman in Athabasca Iseabail NicÌomhair NicThòmais (Islands Book Trust)
Unnad/IndigenousCalum Angus MacAoidh (Acair)

Làmh-sgrìobhainn as Fheàrr do Chloinn/Òigridh (le taic bho Acair)
Am Madadh-allaidh Smàlaidh – Sarah NicRath
M’ Fhaileas – Ceitidh Hutton
Somhairle Nach Gabhadh Comhairle – Mòrag Anna NicNèill

Làmh-sgrìobhainn as Fheàrr do dh’Inbhich
An Luingeas Dorcha air Fàire – Tim Armstrong
Aonar – Iain Cuimeanach
Faidhean is Taibhsean – Calum L. MacLeòid
Gun Tiotal – Marcas Mac an Tuairneir

Thèid an luchd-buannachaidh ainmeachadh aig cuirm shònraichte air Dimàirt 16 Sultain 2025, aig Cottiers Theatre, Glaschu.