Fiosrachadh
Evertype, 2025. 310 duilleag. Còmhdach cruaidh.
Is e sgeul le L. Frank Baum a th’ ann an Draoidh Drùidhteach Oz, mu dhèidhinn nighean bheag dhan ainm Diorbhail a thèid a sguabadh air falbh à Kansas le Toto, an cù aice, a-null gu dùthaich àlainn annasach Oz. An sin cuiridh i roimhpe tadhal air Baile nan Smàrag, a dh’iarraidh air an riaghladair, draoidh dhan ainm Oz, a seòladh dhachaigh a-rithist. Air an t-slighe a-null tachraidh oirre Bodach-ròcais, a tha an tòir air eanchainn; Coilltear Staoine, a tha ag iarraidh cridhe; agus Leòmhann Gealtach, aig a bheil mar àrd- mhiann a chridhe gaisge fhaighinn dha fhèin. Is iomadh cunnart is cuairt-dànachd mhìorbhaileach a thig an caraibh na buidhne bige seo rè an turais, ach ruigidh iad Baile nan Smàrag gu slàn sàbhailte, agus ma ruigeas, is ann air sgàth tuigse a’ Bhodaich-ròcais, caomhalachd a’ Choillteir Staoine, agus curantachd an Leòmhainn Ghealtaich. Is e seo an leabhar a bu bhonn-stèidh do dh’fhilm iomraiteach na bliadhna 1939—ged nach ionnan gu buileach am film agus an leabhar air an do stèidhicheadh e!
Tha na dealbhan tùsail le William Wallace Denslow am broinn an leabhair làn-dàthte seo, agus iad air an sganadh on chiad tionndadh. Chlò-shuidhicheadh an leabhar air dòigh glè choltach ris a’ chiad tionndadh, ach a-mhàin gun do rinneadh grunn leasachaidhean air a’ chlò-shuidheachadh gus a dhèanamh na bu fhreagarraiche do leughadairean an latha an-diugh.






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.