A’ Hobat

£35.95

gd

Seo an sgeul fantasach air leth a tha ionmhainn aig luchd-leughaidh eadar mhòr is beag, mu dheidhinn hobait agus Biolbo Bagainn as ainm dha, a thèid a sguabadh air falbh air turas gun dùil leis an draoidh Gandalf agus còmhlan de thrì troichean deug.

ISBN: 9781782013235

Foillsichear: Evertype

Ceann-latha foillseachaidh: 23 Giblean 2025

1 a-mhàin air fhàgail

Fiosrachadh

Evertype, 2025. 294 duilleagan. Còmhdach cruaidh.

Tha duil rim barrachd an ath sheachdain

‘S e fìor dhàna-sgeulachd a tha sa Hobat, mu sgrìob a bheir buidheann de throichean air tòir òir a tha fo fhreiceadan le dràgon. ‘S ann gu mì-dheònach a ghabhas Biolbo Bagainn pàirt sa cheann-turais seo, agus e na hobat dèidheil air cofhurt is gun uaill-mhiann air idir. Cuiridh e iongnadh fiù ‘s air fhèin leis cho innleachdach is cho sgileil ‘s a tha e mar ghadaiche. Am measg gach driodfhortan eile, tachraidh Biolbo ri trobhaichean, bòcain, troichean, eilf agus damhain-allaidh aibheiseach, mus bi còmhraidhean aige leis an dràgon, Smòg, agus mus bi e an làthair a dh’aindeoin a thoil fhèin aig Blàr nan Còig Arm. Tha Biolbo Bagainn ga chunntadh am measg nan gaisgeach neo-bhàsmhor ann an uirsgeul cloinne.

Nuair a sgrìobh an t-Àrd-ollamh Tolkien A’ Hobat do chloinn fhèin, choisinn e sàr-chliù cho luath ‘s a chaidh fhoillseachadh. A-nis, tha an leabhar ri fhaighinn sa Ghàidhlig airson a’ chiad uair, ann an eadar-theangachadh iongantach leis an Àrd-ollamh Moray Watson. Tha na dealbhan-tarraing is mapaichean uile aig an ùghdar an lùib an leabhair.

1 review for A’ Hobat

  1. Beurla

    Iain

    Tha e uabhasach math!

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Add a review

Your email address will not be published. Required fields are marked *


You may also like…