Na Duaisean Litreachais 2025 – Fosgailte do thagraidhean
Air fhoillseachadh: 17 Màrt 2025 ann an Naidheachdan

Tha Na Duaisean Litreachais 2025 a-nis fosgailte airson thagraidhean bho sgrìobhadairean agus foillsichearan Gàidhlig. Bidh duaisean luach £750 dhan ùghdar is £750 dhan fhoillsichear rim faighinn airson leabhraichean a chaidh fhoillseachadh eadar 1 Cèitean 2024 agus 30 Giblean 2025 anns gach roinn a leanas:
- Bàrdachd – Duais Ruaraidh MhicThòmais
- Ficsean – Duais Chomann Ghàidhealach Lunnainn
- Neo-fhicsean – Duais Dhòmhnaill Meek
- Clann/òigridh
A bharrachd air leabhraichean a tha ann an clò mar-thà, tha cothrom aig sgrìobhadairean làmh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte do chloinn is do dh’inbhich a chur a-steach dhan fharpais, le duaisean luach eadar £500-£1,000 ri fhaotainn. A thuilleadh air an duais, bidh cothrom aig ùghdar na làmh-sgrìobhainn as fheàrr do chloinn an leabhar aca a leasachadh ann an co-bhann leis an fhoillsichear Acair.
Is e 5.00f, Diluain 12 Cèitean 2025 an ceann-latha airson thagraidhean. Gheibhear fios mu ciamar a chuirear a-steach agus riaghailtean na farpaise an seo. Thèid an luchd-buannachaidh ainmeachadh aig cuirm ann an Cottiers Theatre, Glaschu air Dimàirt 16 Sultain 2025.
