Na Duaisean Litreachais 2025: An Luchd-buannachaidh

Air fhoillseachadh: 17 Sultain 2025 ann an Naidheachdan

©Holly Pearson

Chaidh luchd-buannachaidh nan Duaisean Litreachais 2025 ainmeachadh aig cuirm ann an Cottiers Theatre, Glaschu, air Dimàirt 16 Sultain 2025. Chaidh duaisean a bhuileachadh ann an ceithir roinnean airson leabhraichean a bha foillsichte eadar 1 Cèitean 2024 agus 30 Gilbean 2025, agus cuideachd airson làmh-sgrìobhainnean do dh’inbhich agus do chloinn no òigridh.

Chan ann a-mhàin à Alba a tha na daoine a shoirbhich, le sgrìobhadairean às na Stàitean Aonaichte, An Ungair agus Poblachd nan Seiceach, agus foillsichear à Canada, a’ faighinn dhuaisean agus àrd-mholadh bho na britheamhan, a bharrachd air na sgrìobhadairean Albannach anns gach roinn den fharpais a chaidh aithneachadh am-bliadhna.

Leabhar as Fheàrr do Chloinn/Òigridh

Buannaiche: Na Mailghean Millteach – Steve Smallman, eadar-theangaichte le Mòrag Stiùbhart (Acair)

 

 

 

 

 

Airidh air moladh: An Cat Coigreach – June Ghreumach (Bradan Press)

 

 

 

 

 

 

Duais Ruaraidh MhicThòmais airson Leabhar Bàrdachd

Buannaiche: Athair/Father – Crìsdean MacIlleBhàin (Francis Boutle Publishers)

 

 

 

 

 

Airidh air moladh: Bàrdachd a’ Bhaile Mhòir: 15 Glasgow Poems – deas. Niall O’Gallagher (Blue Diode Publishing)

 

 

 

 

 

 

Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn airson Leabhar Ficsein

Buannaiche: Am Prionnsa – Graham Cooper (Luath Press)

 

 

 

 

 

 

Duais Dhòmhnaill Meek airson Leabhar Neo-fhicsein

Buannaiche: An Staran: Rosg Gàidhlig le Ruaraidh MacThòmais – deas. Petra J. Poncarová (Acair)

 

 

 

 

 

Airidh air moladh: Unnad/Indigenous – Calum Angus MacAoidh (Acair)

 

 

 

 

 

 

Làmh-sgrìobhainn Neo-fhoillsichte as Fheàrr do Chloinn/Òigirdh (le taic bho Acair)

Buannaiche: Somhairle Nach Gabhadh Comhairle – Mòrag Anna NicNèill

 

 

 

 

 

 

Làmh-sgrìobhainn Neo-fhoillsichte as Fheàrr do dh’Inbhich

Buannaiche: An Luingeas Dorcha air Fàire – Tim Armstrong

 

 

 

 

 

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ cur meal-a-naidheachd air an luchd-buannachaidh agus a’ toirt taing mhòr dhan h-uile neach agus buidheann a tha air taic a chumail ris Na Duaisean Litreachais 2025 – nam measg Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Comann Gàidhealach Lunnainn, Acair, Dòmhnall Meek agus teaghlach an Ollaimh Ruaraidh MhicThòmais nach maireann.

Gheibhear na geàrr-liostaichean air fad aig: https://www.gaelicbooks.org/na-duaisean-litreachais-2025-gearr-liostaichean