Bhatarsaigh agus na Raiders

Lisa Storey

£8.99

gd

A’ chiad uair a chaidh leabhar a dhèanamh ann an Gàidhlig mu dheidhinn Rèidairean Bhatarsaigh. Sùil air strì an fhearainn, mar a chaidh le Bhatarsaigh agus na tha e a’ ciallachadh dhuinn san 21mh Linn.

ISBN: 2947 Seòrsa: Tags: , ,

ISBN: 9781838448417

Foillsichear: Clò Phabaigh

Ceann-latha foillseachaidh: 15 Samhain 2022

Chan eil gin air fhàgail againn.

Fiosrachadh

Clò Phabaigh, 2023 Còmhdach bog, 85 duilleag.


Tha eachdraidh iongantach aig Eilean Bhatarsaigh. Tro chainnt nan daoine fhèin, tha an leabhar seo a’ toirt sùil bheag air an eilean bho thoiseach an 20mh Linn chun an latha an-diugh. Gnothach na Raiders, mar eisimpleir, agus mar a thug an ùine a chuir deichnear seachad sa phrìosan an Dùn Èideann buaidh air strì an fhearainn ann an iomadach àite eile an Alba. Thug e crathadh air poilitigs, mar a tha Aonghas MacLeòid ag aithris.

Dhùisg iomairt Bhatarsaigh muinntir an àite agus chaidh meuran den Land League a stèidheachadh air feadh Bharraigh goirid às a dhèidh.

Am b’ fhiach an spàirn, ge-tà? Tha Lisa Storey a’ beachdachadh air mar a dh’atharraich gnothaichean thairis air an 20mh Linn. Thàinig cabhsair ann an 1991 agus buaidh na chois, math is dona. Ciamar a chaidh do Bhatarsaigh thar nam bliadhnachan? Dè a-nis an saoghal a tha ro mhuinntir an àite?

NA H-ÙGHDARAN

Lisa Storey
Tha Lisa (Lisy Dhonnchaidh Mhòir) à Bhatarsaigh. Tha i air grunn leabhraichean a sgrìobhadh. Chuir i ri chèile D.M.N.C.: sgrìobhaidhean Dhòmhnall Mhic na Ceàrdaich (CLÀR, 2014) agus sgrìobh i Muinntir Mhiughalaigh (CLÀR, 2007). Tha eòlas aice air foillseachadh agus bha i an-sàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig nuair a thòisich e ann an 1985. Tha i a’ fuireach an Inbhir Nis.

Aonghas MacLeòid
Buinidh Aonghas MacLeòid do dh’Inbhir Nis agus Barraigh (mac Christine a’ Dot). Tha PhD aige, sgrìobhte tro mheadhan na Gàidhlig, bho Oilthigh Ghlaschu. Tha Aonghas a’ fuireach ann an Glaschu.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “Bhatarsaigh agus na Raiders”

Your email address will not be published. Required fields are marked *