Fiosrachadh
Clò Phabaigh, 2023 Còmhdach bog, 85 duilleag.
Tha eachdraidh iongantach aig Eilean Bhatarsaigh. Tro chainnt nan daoine fhèin, tha an leabhar seo a’ toirt sùil bheag air an eilean bho thoiseach an 20mh Linn chun an latha an-diugh. Gnothach na Raiders, mar eisimpleir, agus mar a thug an ùine a chuir deichnear seachad sa phrìosan an Dùn Èideann buaidh air strì an fhearainn ann an iomadach àite eile an Alba. Thug e crathadh air poilitigs, mar a tha Aonghas MacLeòid ag aithris.
Dhùisg iomairt Bhatarsaigh muinntir an àite agus chaidh meuran den Land League a stèidheachadh air feadh Bharraigh goirid às a dhèidh.
Am b’ fhiach an spàirn, ge-tà? Tha Lisa Storey a’ beachdachadh air mar a dh’atharraich gnothaichean thairis air an 20mh Linn. Thàinig cabhsair ann an 1991 agus buaidh na chois, math is dona. Ciamar a chaidh do Bhatarsaigh thar nam bliadhnachan? Dè a-nis an saoghal a tha ro mhuinntir an àite?
NA H-ÙGHDARAN
Lisa Storey
Tha Lisa (Lisy Dhonnchaidh Mhòir) à Bhatarsaigh. Tha i air grunn leabhraichean a sgrìobhadh. Chuir i ri chèile D.M.N.C.: sgrìobhaidhean Dhòmhnall Mhic na Ceàrdaich (CLÀR, 2014) agus sgrìobh i Muinntir Mhiughalaigh (CLÀR, 2007). Tha eòlas aice air foillseachadh agus bha i an-sàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig nuair a thòisich e ann an 1985. Tha i a’ fuireach an Inbhir Nis.
Aonghas MacLeòid
Buinidh Aonghas MacLeòid do dh’Inbhir Nis agus Barraigh (mac Christine a’ Dot). Tha PhD aige, sgrìobhte tro mheadhan na Gàidhlig, bho Oilthigh Ghlaschu. Tha Aonghas a’ fuireach ann an Glaschu.






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.