Fiosrachadh
Akerbeltz, 2016. 186 duilleagan. Còmhdach Bog.
’S e seo an dàrna leabhar san t-sreath leabhraichean, “An t-Àrd-ùrlar Beag”, a tha ag amas air dealbh-chluichean Gàidhlig fhoillseachadh is ath-fhoillseachadh.
’S e seo aon de na dealbh-chluichean clasaigeach le Friedrich Schiller – sgrìobhaiche, bàrd, feallsanaiche, eachdraiche agus fear-saidheans Gearmailteach, ainmeil – mun bhoghadair Uilleam Tell agus strì na h-Eilbheise airson neo-eisimeileachd o Ìmpireachd Habsburg sa 14mh linn.
Chaidh eadar-theangachadh is fhoillseachadh an toiseach le Catrìona NicGilleBhàin Ghrannd ann an 1893 agus chaidh a dheasachadh às ùr air fad dhan ath-fhoillseachadh seo.






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.