Fiosrachadh
Acair, 2014. 413 duilleag. Còmhdach cruaidh.
Thairis air a’ cheud bliadhna mu dheireadh thathar air iomadach leabhar a chur an clò mun Chogadh Mhòr. Chuir Call na h-Iolaire aig a’ Bhliadhn’ Ùir 1919 clach-mhullaich uabhasach ar a h-uile càil. B’ e seo cuspair bròin bu chianail a thàinig a-riamh air an eilean. Tha an leabhar seo a’ cur urram air na naoi ceud neach bhon sgìre, eadar Sgiogarstaigh agus Baile an Truiseil, a ghabh pàirt anns a’ chogadh. Bhathar fortanach, nuair a thòisich Comunn Eachdraidh Nis ann an 1977, gu robh feadhainn de na laoich fhathast còmhla rinn. Tha na còmhraidhean a chaidh a chlàradh leothasan na phàirt chudromach den leabhar. Tha Clàr nan Gaisgeach a’ toirt fiosrachadh seachad air na naoi ceud duine-uasal a dh’fhàg ar sgìre airson a dhol an sàs ann an cogaidh fad às. ‘S e cuimhneachan cùbhraidh agus prìseil a th’ againn orra gu lèir.






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.