Fiosrachadh
CLÀR, 2014. 480 duilleag. Còmhdach bog.
Na bheatha ghoirid, sgrìobh Dòmhnall Mac na Ceàrdaich – Dòmhgan Dhòmhnaill Dhonnchaidh – mòran òran agus pìosan bàrdachd, sia dealbhan-cluiche, deannan aistidhean fada air diofar chuspairean, diofar phìosan de rosg cruthachail agus measgachadh de stuth leithid lèirmheasan agus eadar-theangachaidhean. Chaidh feadhainn dhe na ciad òrain aige nach deach fhoillseachadh riamh a ghleidheadh ann am Barraigh: tha cuid dhiubh sin sa chruinneachadh ùr seo.
Tha Aonghas MacLeòid, sgoilear òg ann an Oilthigh Ghlaschu aig a bheil ceangal ri Barraigh, air mòran obair rannsachaidh a dhèanamh air sgrìobhadh cruthachail Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich. Tha CLÀR fortanach gu robh Aonghas deònach ro-ràdh a dhèanamh airson an leabhair. Tha facal-toisich ann le Lisa Storey cuideachd.
Nuair a dh’eug Dòmhnall Mac na Ceàrdaich ann an 1932, rinn am bàrd ainmeil Hugh MacDiarmid dàn‑cuimhneachaidh dha, agus tha sin ri leughadh anns an leabhar seo.






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.