Fiosrachadh
Taigh-tasgaidh Chill Donnain, Uibhist a Deas, 2017. 32 duilleag. Còmhdach Bog.
Rugadh Aonghas MacAoidh ann an 1936 agus chaidh a thogail air croit a theaghlaich ann an Ormacleit, Uibhist a Deas. ‘S e fear de sheachdnar chloinne a bh’ ann an Aonghas agus, còmhla ri a bhràthair, Dòmhnall Iain, dh’obraich iad na croitean aca ann an Ormacleit airson iomadh bliadhna.
Bha croitearachd riamh ann am beatha Aonghais agus tha e air aithris phearsanta a sgrìobhadh mu dheidhinn beatha air a’ chroit rè làithean òige agus mar a bha na mìosan, na ràithean agus an t-sìde a’ toirt buaidh air an latha obrach.
Tha beatha croitearachd Aonghais beairteach anns a h-uile dòigh agus tha e na thoileachas dhan fhoillseachar seo a thoirt dhuibh mar dhìleab.






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.