Fiosrachadh
Fèis Thiorodh agus an Iodhlann, Tiorodh, 2012. Leabhran.
Òrain Ghàidhealach, thraidiseanta à Tiorodh.
Ro-ràdh leis an Dtr. John Holliday, Cathraiche, Fèis Thiorodh.
Thathar eòlach air Tiorodh mar Thìr an Eòrna, àite far am bi a’ ghrian a’ deàrrsadh agus luchd-turais ri marcachd thonn. Ach, ‘s e pàirt de dhualchas an eilein a tha anns a’ bhàrdachd traidiseanta aige is na h-òrain traidiseanta aige, pàirt air nach eil deagh chuimhne aig uiread de dhaoine san latha an-diugh.
‘S e amas an leabhair seo dualchas ceòlmhor an eilein a chumail beò is a dhaingneachadh le bhith a’ cur ri chèile còrr is fichead òran Tiristeach ann an comharrachadh an latha an-diugh le eadar-theangachaidhean gu Beurla, pongan is ceòl na chois.
As t-samhradh 2011, dh’iarr Fèis Thiorodh air muinntir an eilein is luchd-tadhail na h-òrain as fheàrr leotha a chaidh a sgrìobhadh le Tiristich a chur air liosta. Mar thoradh air sin, chaidh ‘chart’ a chruthachadh anns a bheil na ‘Top Twenty’ de na h-òrain seo air an cur air liosta a rèir dè cho ‘popular’ ‘s a tha iad. Agus seo iadsan anns an leabhran seo!






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.