Fiosrachadh
Clò Oilthigh Ghlaschu, 2022. Còmhdach cruaidh. 676 duilleag.
’S e Gairm, a mhair bho 1952 gu 2002, prìomh ràitheachan Gàidhlig an 20mh linn. Chùm e a’ dol cho fada, gu ìre mhòir, air sgàth saothair a chuid dheasaichean: Fionnlagh I. MacDhòmhnaill, eadar 1952 is 1964; Dòmhnall Iain MacLeòid, eadar 1966 is 1976; agus Ruaraidh MacThòmais, a bha aig an stiùir bhon toiseach gus an tàinig e gu crìch. Thàinig grunn sheòrsaichean de sgrìobhadh agus de dh’obair-ealain fo bhlàth ann an Gairm, gu seachd àraid nuadh-bhàrdachd agus sgeulachdan goirid.
Tha an leabhar-fiosrachaidh seo ag amas air an stòras gun choimeas a bh’ ann an Gairm fhosgladh às ùr dhaibhsan a bha eòlach air an ràitheachan, ach cuideachd do ghinealaichean ùra de leughadairean agus sgoilearan.
Tha an leabhar na dhà phàirt. Sa chiad chuid, Àireamhan an Ràitheachain, tha clàr-innse de gach àireamh, is bha dà cheud ann air fad. San dàrna cuid, Ùghdaran agus Com-pàirtichean Eile, gheibhear clàr-amais de dh’ainmeannan.Tha ainmeannan nan com-pàirtichean, a’ tòiseachadh leis a’ chinneadh, agus tiotalan nan inntrigidhean a chuir iad ri Gairm air an seòrsachadh a rèir na h-aibideil.
Gheibhear cuideachd Ro-ràdh le Raghnall MacilleDhuibh anns a bheil cunntas air eachdraidh an ràitheachain agus air an àite shònraichte a bha aige ann an litreachas nan Gàidheal.






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.