An Naidheachd Bhon Taigh

Tormod Caimbeul

£6.00

gd

Measgachadh de bhàrdachd agus rosg a tha air an stèidheachadh ann an Leòdhas agus ann an Dùn Èideann.

ISBN: 9781897873045 Seòrsa:

ISBN: 9781897873045

Foillsichear: Canan

Ceann-latha foillseachaidh: 05 Màrt 1999

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Cànan, 1994. 138 duilleag. Còmhdach bog.

Sheas mi anns an doras agus chunnaic mi am baile crùibte nas duirche na dubh na h-oidhche. Na bha siud de rionnagan agus na fir-chlis san àirde tuath.
Tha a’ mhòinteach mhòr na tosd.
A-muigh air a’ bheinn, làrach a’ bhothain anns an robh m’ athair agus os a chionn àirigh mo shean-sheanar. Agus nas fhaide mach fhathast Loch Dubh uachdar a’ ghlinn, mar a bha i a-riamh agus gu bràth, toiseach a’ gheamhraidh seo a thàinig an-diugh le mheuran fada caola air feadh an àite.

Measgachadh de bhàrdachd agus rosg a tha air an stèidheachadh ann an Leòdhas agus ann an Dùn Èideann. Tha stòidhle shiùbhalach is tarraingeach aig Tormod Caimbeul a ghlèidheas aire an leughadair agus nach gabh a dhìochuimneachadh gu luath.

“Chòrd e rium buileach glan ‘s molaidh mi gu mòr dhuibh e.”
Ross-shire Journal

Leugh lèirmheas air an leabhar seo bho chuairt-litir an t-Sabhail (Gearran 1995)

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Be the first to review “An Naidheachd Bhon Taigh”

Your email address will not be published. Required fields are marked *