Fiosrachadh
Acair, 2017. 158 duilleag. Còmhdach bog.
Sreath mhurtan air Eilean Leòdhais ’s gun dad gan ceangal ri chèile ach seann dhealbh. Poileas a’ tilleadh dhachaigh dhan an eilean às dèidh bliadhnaichean fuilteach fhulang am measg eucoir Hong Kong. Ciamar a tha am murtair a’ tighinn ’s a’ falbh gun duine ga fhaicinn agus gun fiù làrach-coise fhàgail às a dhèidh? An e taibhse a th’ ann? A bheil eachdraidh dhorcha an eilein a’ tighinn beò a-rithist?
Tha Iain F. Macleòid a’ snìomh dìomhaireachd is dìoghaltas ann an clò na sgeulachd le liut a chumas an inntinn a’ ceasnachadh gus an tig fuasgladh, agus ceann-uidhe ris nach eil dùil.






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.