Am Bounty

Iain F. MacLeòid

£8.99

gd

Tha an sgeulachd bheothail seo a’ leantainn seòladair à Leòdhas a chaidh a thoirt air falbh leis a’ Phress Gang na bhalach agus a bha air bòrd HMS Bounty nuair a thionndaidh an sgioba an aghaidh Captain Bligh ann an 1789.

ISBN: 1251 Buinidh seo ri: ,

ISBN: 9781900901338

Foillsichear: CLÀR

Ceann-latha foillseachaidh: 01 Dàmhair 2008

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Clàr, 2008. 204 duilleag. Còmhdach bog.

Bho monaidhean Leòdhais gu tràighean Tahiti gu prìosan ann an Lunnainn. Tha an sgeulachd bheothail seo a’ leantainn seòladair à Leòdhas a chaidh a thoirt air falbh leis a’ Phress Gang na bhalach agus a bha air bòrd HMS Bounty nuair a thionndaidh an sgioba an aghaidh Captain Bligh ann an 1789.

Tha Iain F. MacLeòid air an sgeulachd fhìor seo a chur ri chèile mar gum b’ e an seòladair fhèin a tha ga h-innse. Tha an aithris sìmplidh agus siùbhlach mar gum biodh e dìreach a’ bruidhinn rinn.

Tha Am Bounty a’ toirt beò dhuinn gach ceum den t-slighe fhada agus chunnartach air an deach an seòladair. An togail a fhuair e ann an Steòrnabhagh, socair gu leòr an toiseach gus an do chaill an teaghlach an dachaigh. A bheatha air bòrd bàta Nèibhidh, cruaidh is cunnartach, ach rianail. Malairt, mìorbhailean agus gaol ann an Tahiti – agus sonas airson greis. Ach … an uair sin?

Mas toigh leat sgeulachd bheothail air a deagh innse, seo agad i!

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Be the first to review “Am Bounty”

Your email address will not be published. Required fields are marked *