An Sgoil Dhubh

Iain F. MacLeòid

£9.99

gd

Air eilean beag iomallach tha duine òg, Sgàire, a’ tachairt air dithis strainnsear air a’ mhòintich; toiseach turais a tha ag atharrachadh a bheatha gu tur.

ISBN: 9780861525614 Seòrsa:

ISBN: 9780861525614

Foillsichear: Acair

Ceann-latha foillseachaidh: 22 Dùbhlachd 2014

Chan eil gin air fhàgail againn.

Fiosrachadh

Acair, 2014. 190 duilleag. Còmhdach bog.

Tha an Rìgh marbh, na Draoidhean a-nis a’ riaghladh agus tha duine sam bith a bhruidhneas nan aghaidh a’ dol à sealladh gun sgeul orra tuilleadh.  Tha eagal is mì-chinnt air an t-sluagh agus ainm ri chluinntinn nach cualas fad iomadach ginealach: An Sgoil Dhubh.

Air eilean beag iomallach tha duine òg, Sgàire, a’ tachairt air dithis strainnsear air a’ mhòintich; toiseach turais a tha ag atharrachadh a bheatha gu tur agus ga thoirt tro chunnart is tro chogadh air an t-slighe a bha an dàn dha linntean mus do rugadh e.

Tha Iain F. MacLeòid gar stiùireadh le sgil an fhìor-sgeulaiche feadh iomadh tìr is saoghal a tha ùr agus iongantach ach fhathast freumhaichte ann an draoidheachd is gaisgeachd nan seann uirsgeul.

 

Nach lìonmhor na saoghail a bheir Iain F. MacLeòid dha charactaran is dha sgeòil – feadhainn on latha an-dè cho math ri feadhainn nar latha fhìn: cuid eile ris nach suath mòran againn ach ann am bruadaran boillsgeach. Nì an sgrìobhadair seo uile le alt is faireachdainn agus le sàr-mhac-meanmna a ghlacas is a bhiathas miann an leughadair.
Màrtainn Mac an t-Saoir

 

Leugh lèirmheas air GoodReads

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Be the first to review “An Sgoil Dhubh”

Your email address will not be published. Required fields are marked *