Air Cuan Dubh Drilseach

Tim Armstrong

£9.99

gd

Seo a’ chiad nobhail ficsean-saidheansail aig an sàr-sgrìobhadair Tim Armtrong. Choisinn Air Cuan Dubh Drilseach duais Ciad Leabhar na Bliadhna bho Chomann Crois na Brataich (Saltire Society First Book of the Year Award) ann an 2013.

ISBN: 1944 Seòrsa:

ISBN: 9781900901741

Format: Paperback

Foillsichear: CLÀR

Ceann-latha foillseachaidh: 15 Giblean 2013

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

CLÀR, 2013. 224 duilleag. Còmhdach bog.

Bha a chorp co-ionann ri corp daonna ach bha a chraiceann na mhìorbhail, air a dhèanamh à stuth a bha lainnireach agus mìn, coltach ri meatailt ach cho sùbailte ri sìoda, gun phreas neo liorc, agus a ghluais mar shruthadh uisge neo mar airgead-beò.

Anns a’ chiad nobhail aige tha Tim Armstrong gar stiùireadh gu h-ealanta tro chuan dubh drilseach a mhac-meanmainn bheothail far a bheil creutairean glè choltach rinn fhìn, agus gu leòr a tha eu-choltach – agus eagallach – a’ strì ri chèile; cuid airson ceartas agus airson càch a chumail fo chuing. Am measg na tha seo tha Sàl agus Rìosa a’ gabhail turas làn àbhachdais, aramach, cunnairt… agus ceòl.

‘S e sgeulachd dhàna, spòrsail a tha seo, ach tè a thogas ceistean mòra cuideachd: mu bheusan, mu phoileataics agus theicneòlas, agus aig derieadh na cùise, ceistean mu nàdar a# chinne-daonna fhèin – cò sinne agus dè bhios an dàn dhuinn sna linntean ri teachd?

Ath chlò-bhualadh 2026.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Be the first to review “Air Cuan Dubh Drilseach”

Your email address will not be published. Required fields are marked *


You may also like…