Dacha Mo Ghaoil

Tormod MacGill-Eain

£8.99

gd

Tha creutairean annasach a’ tighinn a dh’Uibhist. Feadhainn dhiubh is itean orra, is feadhainn eile is gun cus orra (uaireannan) ach an craiceann!

ISBN: 9781900901161 Buinidh seo ri: ,

ISBN: 9781900901161

Foillsichear: CLÀR

Ceann-latha foillseachaidh: 11 Cèitean 2005

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

CLÀR, 2005. 124 duilleag. Còmhdach bog.

Tha creutairean annasach a’ tighinn a dh’Uibhist. Feadhainn dhiubh is itean orra, is feadhainn eile is gun cus orra (uaireannan) ach an craiceann!

Tha Donnchadh à Uibhist a Deas am beachd airgead mòr a dhèanamh orra. Le cuideachadh o Dhaibhidh òg MacÌosaig – a nì rud a bheir a mhothachadh bhuaithe. Dol-air-adhart a tha cianail. Dragh air an Uachdaran fhèin. Ach fuiricheadh sibhse: tha boireannach teòma sa Cheann a Tuath a dh’fheuchas ri gnothaichean a rèiteach. Gun teagamh, cha bhi e furasta, is gun fhios dè cho earbsach `s a bhios an ceatharnach a thig a-nuas ga cuideachadh…

Togaibh an leabhar seo, is cha leig sibh às e!

Bhiodh e ’s docha doirbh an sgeul seo fhaicinn ag obrachadh fo laimh dhuine sam bith eile seach Tormod. Chan e mhain gu bheil a chomas air guthan eadar-dhealaichte thoirt beo, gus an cluinn sinn blas na sgire shonraichte bho gach pearsa tha san aithris, ach tha an t-ughdar fhein air lethid de shiubhal a dheanamh, chan ann amhain tromh chuiltean iomadach an t-saoghail ach tromh chuiltean na beatha. Agus tha a bhuil air an innse. Agus ma thuirt mi gu robh e mar shar sheanchaidh bho shean, nach e sin, ann a’ seagh, a tha air a bhi ann, air iomadh ard-urlar, thar nam bliadhnaichean. ’S docha nach bu choir dha bhi na chuis-iongnaidh dhuinn gu bheil e cho comasach air sgeul cho tarraingeach innse.
Aonghas Dubh MacNeacail

Tha an leabhar seo cuideachd ri fhaighinn marleabhar-èisteachd.

Leugh lèirmheas air GoodReads

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Be the first to review “Dacha Mo Ghaoil”

Your email address will not be published. Required fields are marked *