Balach air Iteig

Mark Scott

£5.99

gd

Seo leabhar mu bhalach beag a bhios a’ siubhal an t-saoghail ceangailte ri iteileig a fhuair e airson a cho-là-breith.

ISBN: 9780861523153 Seòrsa:

ISBN: 9780861523153

Foillsichear: Acair

Ceann-latha foillseachaidh: 17 Cèitean 2006

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Acair, 2006. 76 duilleag. Còmhdach bog.

Seo leabhar mu bhalach beag a bhios a’ siubhal an t-saoghail ceangailte ri iteileig a fhuair e airson a cho-là-breith. ‘S e sgeulachd shiùbhlach, le dealbhan àlainn a tha seo agus còrdaidh i ri cloinn agus ri inbhich.

‘S e balach àbhaisteach a th’ ann an Seumas, ach tha caraid annasach aige: ‘s e sin Itean an iteileag. Tha iad ag itealaich gu h-àrd os cionn thìrean annasach agus tha iad a’ dol tro iomadh gàbhadh còmhla, mar a mhiannaicheadh clann an t-saoghail nan inntinn a bhith a’ dèanamh. Tha iad a’ ruighinn àiteachan neo-àbhaisteach agus a’ coinneachadh dhaoine inntinneach bho dhualchasan eadar-dhealaichte.

Tha na sgeulachdan furasta a leughadh agus ann an cruth a chòrdas ri cloinn aigeannach air a bheil fhathast miannan agus fiamh na h-òige.

Tha cuairtean Sheumais timcheall gach puing sa chombaist, T, D, E & I ‘s iad air an innse ann an stòiridhean-dhealbh fa leth.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Be the first to review “Balach air Iteig”

Your email address will not be published. Required fields are marked *