Fiosrachadh
Stòrlann. Còmhdach bog.
‘S e sgeulachd a thaseo mu sgioba dhaoine a chaidh a thaghadh airson 17 mìosan a thoirt a’ fuireach ann an togalach coltach ri capsail-fànais ann am Moscow, airson faighinn a-mach gu dè mar a dheigheadh dhaibh am measg a chèile mus deigheadh am pròiseact Mars500 a chur air bhog.
Bhathas a lorg a-mach am biodh duilgheadasan sònraichte aca an dà chuid nam measg fhèin, no le tinneas sam bith, biadh sònraichte, no a bhith a’ toirt feart air òrduighean, agus dheigheadh sùil mhionaideach a chumail air gach nì a bhiodh iad a’ dèanamh airson cuideachadh leis an ullachadh airson Mars500.
Tha an sgeulachd air a h-nnse tro shùilean Ailig, balach 12 bliadhna a fhuair cothrom a bhith na bhall dhen sgioba; e fhèin agus nighean òg.
Ma thèid sibh air an eadar-lìon, gheibh sibh a-mach mun phròiseact Mars500 agus faodaidh sibh leughadh mu na mìorbhailean a tha a’ gabhail àite ann an fànas agus mar a tha am pròiseact Aurora a’ leudachadh fiosrachadh agus tuigse air na speuran. www.esa.int/mars500





Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.