Polaris

Marcas Mac an Tuairneir

£12.99

gd

’S e Polaris an ceathramh co-chruinneachadh aig a’ bhàrd Marcas Mac an Tuairneir, a tha air iomadh duais a choisinn le a chuid bàrdachd.

ISBN: 2909 Seòrsa:

ISBN: 9781914090301

Foillsichear: Leamington Books

Ceann-latha foillseachaidh: 24 Ògmhios 2022

Chan eil gin air fhàgail againn.

Fiosrachadh

Leamington Books, 2022. 286 duilleag. Còmhdach bog.

Air ainmeachadh air An Reul-iùil, tha an co-chruinneachadh seo ga thogail air bun-bheachdan a’ chinn a Tuath is ionnanachdan cànanach is cultarail – tha ‘Polaris’ a’ ciallachadh ‘cànanan’ anns a’ chriopto-chainnt ghèidh Polàiris. Tha an t-saothair ùr-nòsach seo a’ trusadh sgeulachdan bho bheul-aithris, eachdraidh is cùisean làitheil, a bhuineas don na eileanan seo – Innse an Taibh – bun gu bàrr.

A’ ceasnachadh mhodalan is thròpaichean Aonachdach, Nàiseantach is sgìreil, ’s e litreachas mar fhianais a tha seo, a’ sgrùdadh aithrisean nam meadhanan mòra is a’ sireadh mhion-ghuthan, a chaidh a chall no a sheachnadh, gus an toirt am bàrr is fon phrosbaig. Le bhith a’ dèanamh seo, tha buaidh mhòr teòirig fheiminich is iar-cholonaich air a’ bhàrdachd.

A’ cur car air fasain làithreach is bàrdachd na Gàidhlig air fhoillseachadh le fèin-eadar-theangachaidhean a’ bhàird na cois, verso recto, bidh Polaris a’ toirt a-steach dhreachan eile de bhàrdachd thùsail Mharcais ann am mòran den na mion-chànanach tùsanach den na h-eileanan seo: Beurla Ghallta, Gàidhlig na h-Èireann is Mhanainn, Cuimris, Còrnais is Deàrsaidhis, air an cumail ris a’ cho-chruinneachadh le feadhainn den na bàird is eadar-theangairean as fheàrr aca. Nan cois, gheibhear eadar-theangachaidhean eile ann am feadhainn den na cànanan den Roinn Eòrpa, a bhios gam bruidhinn an-seo, cuideachd, a bharrachd air taghadh de bhàrdachd anns a’ Pholàiris, leis a’ bhàrd fhèin.

Ged a bhios a’ bhàrdachd seo a’ nochdadh gluasad bho chuspairean nan co-chruinneachaidhean foillsichte aig Marcas (‘Deò’, 2013; ‘Lus na Tùise’, 2016; ‘Dùileach’, 2021), tha dlùth-chaidreamh is coiteantachd sa bhàrdachd fhathast, rud a chòrd ris an luchd-leughaidh aige cho mòr gu ruige seo is a choisinn Duais Ghàidhlig Bhaile na h-Ùige ann an 2017 is Duais na Bàrdachd aig a’ Mhòd Bhiortail 2020 is a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 2021, agus Dauis Cultair is Ealain Duaisean Gàidhlig na h-Alba 2023. ’S tric a tha na dàin ann am Polaris nam bàrdachd subhachais is sin a’ sireadh dàimhean a chruthachadh tro choitcheannas cultarail is gnàth-eòlas cumanta, fhad ’s a bheir iad meòmhrachadh air cò ris a tha e coltach a bhith a’ buntainn ris na h-eileanan seo, fad nan chiad fhichead bliadhna den aonamh linn fhichead.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “Polaris”

Your email address will not be published. Required fields are marked *