Dannsam led Fhaileas / Let Me Dance with Your Shadow

Màrtainn Mac an t-Saoir

£8.99

gd

Gu tric tha i drùidhteach, ach tha àbhachd innte cuideachd, is gearradh-cainnt is eirmseachd.

ISBN: 9781905222575 Seòrsa:

ISBN: 9781905222575

Foillsichear: Luath Press

Ceann-latha foillseachaidh: 12 Sultain 2006

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Luath Press, 2006. Ath-chlò-bhualadh. 2009. 124 duilleag.

Thathar eòlach air Màrtainn Mac an t-Saoir mar sgrìobhadair rosg barraichte a-cheana, agus chithear gu bheil na h-aon fheartan na bhàrdachd – anns an dà chànain. Ùidh na cho-chreutair is tuigse air a staid – tha sin sa bhàrdachd cuideachd, is grunn mòr phearsachan a’ nochdadh (e fhèin ann an caochladh chruthan nam measg) is air an cur far comhair gu dealbhach le rannaigheachd is ruitheaman subailte, measgaichte. Tha a’ bhàrdachd ùr-nòsach, ach tha i cuideachd a’ togail air an dualchas on tàining i, is air a beathachadh leis.

Gu tric tha i drùidhteach, ach tha àbhachd innte cuideachd, is gearradh-cainnt is eirmseachd. Le farsaingeachd mhodhan is chuspairean, o eachdraich is o ar latha fhìn, tha mòran beairteis is toil-inntinn san leabhar seo.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig ()

Be the first to review “Dannsam led Fhaileas / Let Me Dance with Your Shadow”

Your email address will not be published. Required fields are marked *