An Dà Anam

Diarmuid Johnson & Maoilios Caimbeul

£6.99

gd

’S e coluadar a tha seo eadar dithis bhàrd, ann an Gàidhlig na h-Alba ’s na h-Èireann.

ISBN: 2451 Seòrsa:

ISBN: 9781999739003

Foillsichear: Clò Dhùnain

Ceann-latha foillseachaidh: 02 Lùnastal 2017

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Clò Dhùnain, 2017. 56 duilleag.

’S e coluadar a tha seo eadar dithis bhàrd, ann an Gàidhlig na h-Alba ’s na h-Èireann, aon dhiubh à Alba a tha a’ dèanamh a’ mhòr-chuid den sgrìobhadh aige ann an Gàidhlig agus bàrd Èireannach / Cuimreach a tha sgrìobhadh ann an grunn chànanan Eòrpach, nam measg Gaeilge, Cuimris agus Beurla. Tha eadar-theangachaidhean Beurla den Ghàidhlig ’s den Gaeilge, chan e bàrdachd as ùr sa Bheurla, air na duilleagan mu choinneamh na Gàidhlig / na Gaeilge.

Dh’èirich an conaltradh à còmhraidhean a bh’ aig an dithis bhàrd nuair a thadhail Diarmuid air Alba grunn uairean. Thàinig tinneas as an rathad air a’ chonaltradh agus tha seo ri fhaicinn gu ìre ann am Pàirt III, an earrainn air a bheil Intermezzo.

Tha seann traidisean Èireannach / Albannach ann de bhàrdachd far a bheil conaltradh eadar caractaran mar anns a’ chòmhradh eadar Oisean agus an Naomh Pàdraig anns na balantan meadhan-aoiseach a tha a’ tighinn fo an ainm, agus tha Deòrsa Mac Iain Dheòrsa a’ togail air seo san dàn aige ‘Ùrnaigh Oisein às Ùr’. Cho fad ’s as fhios dhuinn, ’s e An Dà Anam / In Two Minds a’ chiad choluadar bàrdail eadar dithis bhàrd Èireannach is Albannach san latha an-diugh.

Tha ceistean gan togail air dè as urrainn do neach a chreidsinn anns an t-saoghal anns a bheil sinn beò. Tha Crìosdaidheachd a’ nochdadh, ach cuideachd an saoghal às dèidh Crìosdaidheachd. Às a’ chonaltradh a tha sin tha bàrdachd dhian, lasrach, ag èirigh.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Be the first to review “An Dà Anam”

Your email address will not be published. Required fields are marked *