Fiosrachadh
Francis Boutle, 2025. 294 duilleag. Còmhdach cruaidh.
‘S ann an-seo a tha sùil aca air cuspairean poilitigeach is sòisealta, fèin-aithne nam ban is dhaoine LGDTC, seallaidhean ionadail ioma-chultarail is eadar-nàiseanta, cho math ri cnuasachadh air eachdraidh, iomlaid chultair, gaol is gràdh, tìr is cànan.Bheir saothair nam bàrd a-staigh saor-rannaigheachd, ath-chruthachadh beòthail bàrdachd thraidiseanta is de chruthan-òrain, bàrdachd nàdair, liricean bailteil is dàin molaidh.
Tha an duanaire a’ cur clach air càrn iom-leabhraichean eile, air an deasachadh le Dòmhnall MacAmhlaigh nach maireann, Raghnall MacIlleDhuibh is Crìsdean MacIlleBhàin. Cumar ro luchd-leughaidh ann na guthan mothachail is ‘s tric radaigeach seo, tro eadar-theangachadh na Beurla, na Beurla Ghallta, is cànanan eile na Roinn Eòrpa – fo làimh nam bàrd is co-bhàrd fhèin, ag obair ann an dlùth cho-chomunn.





Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.