Fiosrachadh
Akerbeltz, 2016. 357 duilleag. Còmhdach cruaidh.
Tha Raibeart Burns ainmeil airson a chuid bàrdachd, an dà chuid ann an Alba ‘s thall thairis, agus nochd pìosan de na h-obraichean aige ann an iomadh cànan, eadar Fraingis is Laideann, Gearmailtis is Ruisis is mòran eile.
A dh’aindeoin ‘s gun robh a’ Ghàidhlig am measg nan ciad chànan a chaidh a chur air an obair aige, chan eil mòran eòlach air na h-eadar-theangachaidhean seo leis cho sgapte ‘s a bha na pìosan a nochd suas gu toiseach na 20mh linn eadar diofar irisean, leabhraichean is dhuilleagan – agus chan eil gin dhiubh ann an clò an-diugh.
Tha an leabhar seo a’ toirt cruinn nam pìosan seo, beagan a bharrachd air 300 dhiubh, airson a’ chiad turas a-riamh san aon leabhar.






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.