Fiosrachadh
Grace Note Publications, 2017. 194 duilleag. Còmhdach Bog.
Sgrìobhaidhean Gàidhlig agus Beurla le Calum Laing (1888 – 1968).
Bha an t-Urr. Calum Laing na sgeulaiche tàlantach – an dà chuid anns a’ Ghàidhlig agus ann am Beurla. Chaidh na 14 sgeulachdan Gàidhlig aige a chraoladh air an rèidio air a’ BhBC eadar 1954 agus 1967 agus chaidh an leughadh fo thiotal Sgeul na h-Aon Oidhche. Nochd iad cuideachd ann an Gairm eadar 1996 agus 2002. Nuair a sguir Gairm ann an 2002 às dèidh leth-cheud bliadhna, bha tachartas ann airson na h-iris a chomharrachadh. Thagh an t-Ollamh Dòmhnall Meek an sgeulachd “Is Math an t-Annlan an t-Acras” le Calum Laing mar an rosg as fheàrr a leugh e ann an Gairm.
Chaidh na dàin Ghàidhlig is Bheurla anns a’ chruinneachadh seo a sgrìobhadh eadar 1932 agus 1945 agus chaidh am foillseachadh ann am measgachadh de dh’irisean. Glè thric, ’s ann air beatha an ùghdair fhèin no air tachartasan eachdraidheil ionadail a tha na sgeulachdan stèidhichte. Tha a’ mhòr-chuid dhiubh air an stèidheachadh ann an Uibhist agus Beinn na Fadhla, far an do rugadh Calum Laing.






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.