Dealan-dè le Seonag Monk

23 Iuchar 2026 6:30 pm

Thigibh cuide ri Seonag Monk aig bùth Comhairle nan Leabhraichean is i a’ bruidhinn mun leabhar ficsean ùr aice, Dealan-dè.

Leis an Dàrna Cogadh air aire a’ mhòr-shluaigh, tha boireannach òg a’ leantainn a caraid gu tìr-mòr airson beatha agus fèin-aithne ùr a ghabhail, mar dhealan-dè, ’s i a’ fàgail a cochall às a dèidh.

Chan eil sgeul a-nis air Flòraidh chiallach à Barraigh; seo a-nis Laura chealgach à Dùn Èideann.

Tha Seonag Monk na preasantair rèidio, is i air iomadh bliadhna a chur seachad ag obair aig a’ BhBC. Ach, nuair nach eil i san stiùidio, bidh i a’ sgrìobhadh leabhraichean ficsein. Tha a stoidhle siubhlach, agus aig amannan èibhinn, ri leughadh ann am Mil san Tì (Acair, 2016), irisean STEALL, agus anns an nobhail as ùire aice, Dealan-dè (Acair, 2026).

Bidh Seonag ann an còmhradh le Maureen NicLeòid, preasantair rèidio agus riochdaire TBh, agus bidh ceòl ann cuideachd bhon t-seinneadair Kathleen NicAonghais, agus James Ross air a’ phiàno.

Tiogaidean